Tha an taisbeanadh seo de dhealbhan à Alba agus às na dùthchannan Nordic a’ foillseachadh cuid de na dealbhan on là an-diugh a tha air an togail le boireannaich. Tha an cruinneachadh Albannach Wildfires a’ sealltainn obair dhaoine mar Patricia MacDonald agus a h-obair ‘Burnt Moorland: grouse shooting’ agus Sophie Gerrard leis an t-sreath aice ‘Drawn to the Land’ a’ coimhead air boireannaich a tha an sàs ann an obair tuathanais. Tha an taisbeanadh cuideachd a’ sealltainn grunnan dhòigh a thaobh a bhith a’ cruthachadh ìomhaighean, le obair ùr le Karen Vaughan, Margaret Mitchell, Sylvia Grace Borda, Miriam Chefrad agus Kotryna Ula Kiliulyte.
Bidh obair dheilbh ùr às na dùthchannan Nordic cuideachd air an riochdachadh, leis an neach-togail dheilbh Sigga Ella, ‘First and Foremost I am’, tè à Nirribhidh Andrea Gjestvang a’ cur fòcas air boireannaich sna h-Eileanan Fàrach. agus tè às an Fhionnlainn Iiu Susiraja a bhios an sàs ann an fèin-dheilbh.
Is e taisbeanadh a tha seo mar cho-obrachadh eadar an t-Oll Katherine Parhar bho Wildfires agus FÒCAS Alba, Alex Boyd bho An Lanntair agus an Flow Festival of Photography.