
Tha An Lanntair bho chionn goirid air tòiseachadh air pròiseact ùr ag amas air leasachadh thàlantan ealain am measg muinntir nan eileanan Arcaibh, Sealtainn agus nan Eilean Siar.
An sàs sa phròiseact tha Kris Drever à Arcaibh, Artair MacNeacail à Sealtainn agus Uilleam Caimbeul à Leòdhas. Bidh iad sin uile ag obair a chruthachadh òrain stèidhte air dualchas nan eileanan eadar-dhealaichte.
Bidh toradh a’ cho-obrachaidh seo ri chluinntinn air an àrd-ùrlar as t-samhradh aig Fèis Cheilteach Innse Gall, a’ comharrachadh fichead bliadhna den Fhèis. Thèid an triùir aca an uairsin air turas a dh’Arcaibh is Shealtainn.
Chaidh am pròiseact a chur air dòigh leis An Lanntair, agus bidh a’ chiad oidhche aig na balaich air an àrd-ùrlar a’ tachairt san Lanntair, a’ comharrachadh 30 bliadhna bhon a dh’fhosgail e.
Tha Ailig MacDhòmhnaill, Ceannard nan Ealainean Cleasachd aig An Lanntair, an dòchas nach e seo ach a’ chiad phròiseact co-obrachail dhe sheòrsa: “’S e tha Eadar Eileanan a’ dèanamh ach a’ comharrachadh a’ bheartais thàlantan a th’ againn sna diofar eileanan seo; a’ cur solas air na ceanglaichean eadarainn seach na tha diofraichte.”