Breabach, Norrie Tago MacÌomhair, Ceitlin Lilidh, Calum Alex Mac a’ Mhaoilein, Alasdair Mac’illeBhàin. Cuid dhe na sàr-sheinneadairean agus còmhlain-chiùil a nochd ann an tallaichean coimhearsnachd air feadh Leòdhais an-uiridh.
Bha oidhche àlainn againn ann an Grinneabhat ag èisteachd ri guth binn Cheitlin a’ seinn òrain à Leòdhas san Dùbhlachd 2021. Tha e a’ faireachdainn mar gu bheil ùine fhada air a dhol seachad bhon uair sin (ged nach eil). B’ e siud a’ chiad chuirm anns an t-sreath, Cuirman sna Coimhearsnachdan, agus cha robh fhios an uair sin dè mar a dheidheadh am pròiseact. Bha mì-chinnt ann an dèidh mar a bha cùisean a’ bhliadhna roimhe, agus gu dearbha bha againn ri corra thachartas a chur dheth air sgàth an dòlas rud air nach toir mi iomradh. Ach bha faireachdainn agam air an oidhche shònraichte sin, an dèidh dhan h-uile càil a dhol mar is còir, gun robh sinn ag obair air rudeigin a dh’fhaodadh a bhith cudromach, agus a bha a’ toirt toileachas do dhaoine. Gu h-àraidh às dèidh na h-uine doirbh a th’ air a bhith aig coimhearsnachdan thairis air an dà bhliadhna a dh’fhalbh. B’ e leigheas a bh’ ann dhuinn uile a thighinn cruinn agus a bhith a’ seanchas agus a’ cabadaich (sa Ghàidhlig). Bonus a bh’ ann gun robh an ceòl dìreach àlainn.
A bharrachd air a sin, bha mi ag obair còmhla-ri daoine a leithid Tina is Murchadh aig Grinneabhat, a tha ag obair gu dìchealach, deònach làn-ùine airson maith na coimhearsnachd. Chur sin spionnadh air leth annam. Agus thug mi an aire gu math luath anns a’ phròiseact, nach b’ iad an t-aon fheadhainn. Bha Louis, Jane is Peigi ann am Barbhas is Brù, Màiri agus Peadar ann an Ùig, Kenny John agus Joan ann am Breascleit, Anne ann an Nis- fada cus airson a h-uile duin’ ac’ ainmeachadh. Tha daoine anns a h-uile coimhearsnachd a th’ againn air an eilean ag obair (tòrr dhiubh gu saor-thoileach) gus na coimhearsnachdan aca a dhèanamh nas fheàrr dhan h-uile duine. ’S e rud luachmhor a th’ ann, agus a nì feum do dhuine coimhearsnachd làidir, thaiceil a bhith timcheall air.
Agus h-abair gun d’ fhuair iad taic agus taing bhon na coimhearsnachdan aca, leis an uimhir a dhaoine a thàinig a-mach agus aig an robh briathran coibhneil ri ràdh. Bha Talla Ùige loma-làn airson Breabach, còrr is 100 aig Talla Bhreascleit airson Freumhan, sluagh air leth ann an Barbhas is Brù gus Norrie a chluintinn, agus h-abair thusa gun tug e tlachd dhomh a bhith ag èisteachd ris a’ chloinn a’ seinn Eilean Fraoich aig àrd an guthan còmhla-ri Norrie.
Feumaidh mi a ràdh gun do rinn a h-uile duine ris na choinnich mi oidhirp taic a chumail ri amasan a’ phròiseict, le bhith a’ tighinn a-mach, a’ cosg airgead sa choimhearsnachd aca, a’ bruidhinn Gàidhlig, agus a’ brosnachadh càch a chèile gus Gàidhlig a bhruidhinn, ged a bhiodh iad bliadhna a dh’aois no 90 bliadhna a dh’aois. Bha a h-uile duine ro dheònach ar cuideachadh gu ìre nach biodh sinn air iarraidh orra agus tha sinn fada fada nur comain.
Ma-thà, fhuair sinn dearbhadh gun robh am pròiseact cudromach. Mar sin, nach math gu bheil Bòrd na Gàidhlig a’ cumail taic ris a’ phròiseact am bliadhna sa cuideachd agus tha sinn làn dòchais gum faic sinn ann a-rithist sibh. Agus mura robh sibh ann an-uiridh dèan cinnteach gun tig sibh ann am bliadhna sa!
Ma tha sibh ag iarraidh a thighinn an sàs ann, no ma tha ceistean sam bith agaibh, chan eil agaibh ach ri fios a chur thugainn, air a no thèidibh an sàs anns a’ Chomann Choimhearsnachd agaibh pèin. Tha mi cinnteach gum biodh ceud fàilte romhad.
Tha sinn an comain a h-uile duine a chuidich sinn air feadh an eilein, dhan h-uile duine agaibh a thàinig a-mach gu tachartas agus Bòrd na Gàidhlig airson taic airgid a chumail ris a’ phròisect.