
Tha ar Cafaidh Bàr ùr na àite air leth airson beagan fois a ghabhail agus anail a leigeil ann an cuideachd chàirdean no teaghlach ann an àrainneachd a tha furanach agus cruthachail.
Tha na còcairean air clàr-bìdh blasta a chruthachadh le rudan sònraichte ann a h-uile latha, rudan air an dèanamh le biadh sònraichte a bhuineas do na h-Eileanan. Cha bheag na th’ againn de bhèicearachd, de mhirean-bìdh, deochan agus cofaidhean aig a’ bhàr espresso.