Tha eileanaich òga chruthachail às na h-eileanan a’ gabhail thairis An Lanntair as t-fhoghair am bliadhna le Fèis inntinneach làn thachartasan a bhios a’ dèiligeadh ri cuid de na prìomh nithean a tha ro dhaoine òga ann an coimhearsnachan eileanan Alba.

Is e cuspair Fèis Las!/Ignite! – ‘Atharrachadh’. Cho math ris a’ phrìomh chòmhlan Albannach Elephant Sessions agus an cleasaiche òg èibhinn tàlantach Marjolein Robertson à Sealtainn a thoirt gu àrd-ùrlair An Lanntair, tha an Fhèis a’ feuchainn ri bhith a’ dèiligeadh ri feumalachdan dhaoine òga a tha beò sna h-eileanan san là an-diugh.

Bidh co-labhairt ann gus cuideachadh dhaoine òga a bhith a’ sgrùdadh cothroman obrach cho eadar-dhealaichte ri seudaireachd agus deilbh gheamannan. Bidh pannal de dhaoine òga ionadail a’ gabhail dùbhlan orra leis an tiotal “I’m an islander, get me out of here!”, an uair a bhios iad a’ conaltradh mu na dùbhlain agus na cothroman a tha ro dhaoine òga a tha a’ fàs suas sna h-Eileanan an Iar.

Bidh an Fhèis a’ tabhann prògram farsaing agus brosnachail, far am bithear a’ tabhann ceòl, comadaidh, bùithtean obrach air iomadh cuspair, farpaisean gheamannan, òraidean, taisbeanaidhean, sgrionadh filmean agus moran eile.