Cothrom air leth do dhaoine cruthachail a’ fuireach ann an Leòdhas agus Na Hearadh a dh’fhaighinn taic agus stiùireadh bho luchd-ciùird agus bho dhaoine an sàs sa ghnìomhachas. Bidh beartas de thaic is stiùireadh ri fhaighinn bhon leithid sgrìobhadairean, luchd-ciùil, riochdairean, luchd-ealain, luchd-tèatair, luchd-film, dealbhaichean fasain agus eile. Faodaidh seo a bhith na chothrom air leth do luchd-ciùird agus luchd a’ clòtha mhòir agus iad a’ sùileachadh ri beatha-obrach sa ghnìomhachas.