Thèid sreath de phròiseactan innleachdach sònraichte a chur an gnìomh ann an Leòdhas agus Na Hearadh tro choimiseanan ùra ealain an dèidh fios a dhol a-mach gu luchd-ealain a’ sireadh iarrtasan a’ riochdachadh ciall an fhacail ‘Bealach’. Às dèidh grunn iarrtasan làidir thighinn a-steach, chaidh dithis luchd-ealain, tè Phillipa NicThòmais agus Eachann MacAonghais, a thaghadh. Thuirt Phillipa is Eachann, “Tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri bhith ag innse sgeulachd na Slighe Sìomain agus an Hebridean Cable Transit Company, rud a ghlac ar n-aire a’ chiad turas a thàinig sinn a Leòdhas. Chuir sinn seachad pàirt de 2012 ag obair sna Lochan, a’ beachdachadh air an dòigh sa bheil ceanglaichean siubhail a’ toirt buaidh air cultar àite. Tha sinn an dòchas gun toir am pròiseact seo air daoine smaoineachadh mun àite a th’ aig baile Steòrnabhaigh ann an Leòdhas agus àite nan Eilean Siar san t-saoghal mhòr.” Chaidh an darna coimisean a thoirt don neach-ealain Jon MacLeòid, a tha a’ fuireach an Leòdhas, leis a’ phròiseact aige ‘Deiseal’ (a’ dol leis a’ ghrèin). Le dealbhan camara sònraichte solograph gan togail, thèid clàradh a dhèanamh air slighe na grèine is i a’ dol thar Leòdhais agus Na Hearadh bho mheadhan a’ gheamhraidh suas gu là meadhan an t-samhraidh. Bidh samhlaidhean a’ phròiseict stèidhte air cumadh cruinn na grèine a thaobh fòrmat agus na thèid a thaisbeanadh. Thèid an dà phròiseact a thaisbeanadh san Lanntair as t-fhoghar 2016.