
Tha Mnathan nan Eilean a’ cur solas air seinn seann nòs aig boireannaich air feadh nan Eilean. Tha am pròiseact a’ coimhead gu sònraichte ri òrain dha agus mu dheidhinn bhoireannach, le cuid dhe na ban-seinneadairean as fheàrr sna h-Eileanan Siar. Tha am pròiseact ag amas air co-obrachadh; a’ brosnachadh ceòl is òrain. Bidh cuideachd cothroman air preantasachd ann, le seinneadairean aig gach aois a’ gabhail pàirt ann. Bidh ban-seinneadairean leithid Julie Fowlis, Caitlin NicAonghais, Cathie Ann Nic a’ Phì, Iseabail Ann Mhàrtainn agus Màiri Nic a’ Ghobhainn uile a’ gabhail pàirt sa chonsairt a tha a’ cur Fèis Cheilteach Innse Gall 2016 air a casan.