Tha An Lanntair ag obair le grunn bhuidhnean air feadh Leòdhais agus Na Hearadh a’ cur an gnìomh a’ phròiseact ‘Bealach’. Tha Bealach na phròiseact farsaing a thèid a lìbhrigeadh eadar 2015 is 2017 le taic-airgid bho na Creative Place Awards aig Alba Chruthachail, http://www.creativescotland.com/what-we-do/latest-news/archive/2015/06/2015-creative-place-awards-winners-announced
Tha Bealach ag amas air Eilean Leòdhais agus Na Hearadh a chur air adhart mar seòrsa de dhoras a-steach a chultar nan Gàidheal, gu coimhearsnachdan cruthachail agus gu cumadh-tìre nan Eilean Siar.
Bidh luchd-ealain againn air muinntireas; tachartasan de cheòl is ealain Gàidhealch a’ tachairt ann an diofar àitean àraidh iongantach; cuairtean ealain; taisbeanaidhean air an dèanamh le cùradair; cuairtean agus tursan Segway a’ gabhail a-steach sgeulachdan dà-chànanach; stiùireadh dha luchd-ealain òg agus programan a’ leasachadh chomasan luchd-obrach ach an tig piseach air an Eilean mar àite-tadhail aig luchd-turais.
Bheir sùil air blog a’ phròiseict airson fiosrachadh a bharrachd air na tha a’ dol air adhart aig: https://lewisharriscreativeplace.wordpress.com/
Co-òrdanaiche nan Duaisean Creative Place: catherine@lanntair.com