Bidh Cuairtean Cèilidh a’ tachairt mu àm Fèis Cheilteach Innse Gall 2016 airson mìos, le prògram de thachartasan air feadh nan Eilean Siar aig làraichean iongantach, àraidh – bidh iad fiù ’s a’ cluich air bòrd nam bàtaichean-aiseig. Thèid cuireadh a-mach gu òganaich agus nithear an uair sin measadh air an cuid-sgilean ciùil sa Ghearran agus sa Mhàrt leis a’ chiad tachartasan gu bhith ann san Iuchar. Tha am pròiseact seo air a chur air bhog ann an co-bhuinn ri Fèisean nan Gàidheal, Fèis Cheilteach Innse Gall agus An Lanntair.