An exhibition of the Hebridean photographs of Robert Adam
Bidh an taisbeanadh seo a’ ruith aig an aon àm ri Faclan – fèis leabhraichean Innse Gall. ‘S e trusadh mòr de dheilbh Robert Adam a th’ ann; sàr fhear-dhealbh a thug sealladh soilleir air na h-Eileanan an Iar eadar 1905 agus 1938. Tha Fionnlagh MacLeòid air a bhith a’ toirt deilbh Adam am follais às ùr. Rinn e a’ chiad leabhar, ‘Cas-cheum an Leòdhas’ a chaidh fhoillseachadh le Acair ann an 2006 agus bidh an dàrna leabhar, ‘Sgàile is Solas – Enduring traces: from Mingulay to Scarp; the photographs of Robert M Adam’ air fhoillseachadh le Acair ann an tìde airson an taisbeanaidh. Bidh na deilbh às an dà leabhar anns an taisbeanadh.
The exhibition to accompany the Faclan book festival is an important gleaning of the work of the Scottish photographer Robert Adam who documented the Hebrides in vivid images between1905 and 1938. Finlay MacLeod has been editing Adam’s work for some time and the photographic book of Adam’s Lewis photographs, ‘Cas-Cheum an Leòdhas’, was published by Acair in 2006. The second book ‘Sgàile is Solas – Enduring traces: from Mingulay to Scarp; the photographs of Robert M Adam’, will be published in time for the Lanntair exhibition.