Càball ’s Creideimh: Sgeulachd na Slighe Sìoman

“Ma chuireadh carbad a-riamh an-aghaidh toil Dhè, ’s ann thar mòinteach Bharbhais a chaidh a chur”. B’ iad seo briathran Uisdein Mhoireasdain: einnseanair làn-lèirsinn à Leòdhas às dèidh an Dàrna Chogaidh. “’S e dh’fheumas Leòdhas ach siostam-siubhail ùr-nodha, seasmhach, dàna.”

Bha beachd aige siostam mòr a thogail de charbadan càbaill a dheigheadh air feadh Eilean Leòdhais, bho Bharbhas gu Steòrnabhagh agus gu deas tro Na Lochan gu ruige An Tairbeirt.

Tha An Lanntair a’ cur fàilte oirbh is sibh a’ tighinn air bòrd Companaidh Càbaill nan Eilean ann an taisbeanadh ùr le Philippa Thomas agus Eachann MacAonghais; a’ leantainn a’ phròiseict bho thoiseachd-thòiseachaidh an 1948, gu fèill mhòr ga dhèanamh air, agus mu dheireadh mar a chrìon e. Aig teis-meadhan an taisbeanaidh, bidh an carbad gondola càbaill HCTC fa dheireadh air a thogail às ùr. Ma tha sibh airson ùrachadh agus ath-thogail a’ charbaid a leantainn air-loidhne, theirigibh gu thehctc.com

Coimisean An Lanntair mar phàirt de Dhuais Bealach aig Alba Chruthachail.

press-image-hctc-logo

https://vimeo.com/185614276