
Le cliù mar iomairt choimhearsnachd seach taisbeanadh fosgailte, tha an pròiseact Grinneas a’ dol air ais chun nan 1970an mas robh An Lanntair idir ann. Tha e na chothrom do luchd-ealain a tha a’ fuireach ann no le buntanas do na h-Eileanan an obair aca a taisbeanadh sa Ghailearaidh.
Tha ceudan de phìosan-ealain de gach seòrsa gan cur air adhart; eadar dealbhan peanta, priontaichean, ìomhaighean, dealbhan-camara, rudan searamaig, ealain-chlotha… uile air an deànamh le luchd-ealain phroifeasanta, neo-phroifeasanta agus le daoine le ùidh mhòr ann an ealain. Bidh rud ann dha na h-uile.
Thèid an ealain a taisbeanadh ann an dòigh iongantach, is iad a’ dìreadh nan ballachan, le sgrùdadh nam pìosan-ealain mar sealg ’son ulaidhean le daoine a’ lorg nan phìosan air leth sònraichte.