Deiseal: Leis a’ Ghrèin – Jon MacLeòid

18 Samh 2016 – 21 Faoill 2017

Tha Deiseal, seach deiseil, a’ ciallachadh rud a tha a’ dol taobh na grèine agus tha an taisbeanadh seo le grafaichean-grèine a rinneadh le 50 camarathan pinhole air an cur an diofar àitean sna h-Eileanan, a’ leantainn slighe na grèine bhon gheamhradh suas gu meadhan an t-samhraidh – 21 Dùbhlachd 2015 gu 21 Ògmhios 2016. Cha robh na camarathan ach nan innealan gu math sìmplidh; canastairean le fiolm-foto nam broinn, le gach fear aca a’ clàradh slighe na grèine gach là bhon là as giorra chun an là as fhaide sa bhliadhna. Coimisean An Lanntair mar phàirt de Dhuais Bealach aig Alba Chruthachail.