Taisbeanadh ùr de ìomhaighean àraidh cearamaig a’ cuimhneachadh clann-nighean an sgadain is iad an sàs ann an gnìomhachas an èisg; gnìomhachas air an deach Steòrnabhagh a thogail. Bhiodh a’ chlann-nighean a’ cutadh, a’ sailleadh agus a’ pacadh nan sgadan ann am barailean airson reic air feadh Bhreatainn agus a-nall thairis – gu h-àraidh chun nan dùthchannan Baltach – agus bhiodh iad cuideachd a’ leantainn a’ ghnìomhachais timcheall Bhreatainn puirt eile leithid Liùrabhaig, Lowestoft agus Yarmouth. Anns an taisbeanadh, bidh dealbhan-camara den chala agus de chidhe Steòrnabhaigh is e a’ cur thairis le obair mhòr an èisg tron linn a chaidh seachad mar phàirt de phrògram a’ cuimhneachadh 150 bliadhna bhon a thàinig Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh gu bith.
Clann-nighean an Sgadain: Katie Scarlett Howard
26th June - 1st August 2015