Sgeulachd air a h-innse tro dhealbhan bhon neach-chamara chliùiteach Richard Denyer, a bhàsaich ann an 2016.
Tha e a’ cnuasachadh air na coltasan, eadar-dhealachaidhean ’s na dàimhean eadar tìr is uisgeachan ann an Norfolk (Sasainn) agus Na h-Eileanan an Iar; a’ coimhead gu h-àraidh ri àiteachan obrach is aoraidh: gàraidhean-bhàta agus eaglaisean, innealan seirbheis is comanachaidh, agus innealan obrach.
Tha e a’ togail air mar a bhiodh am muir agus creideamh a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan bho sheann, agus mar a tha beachdan agus cleachdaidhean a bhathas a’ saoilsinn a bhiodh ann gu siorraidh, a-nise a’ strì an-aghaidh dhòighean-obrach là an-diugh agus an-aghaidh daoine a bhith a’ cur an cùlaibh ri creideamh. Tha an leabhar a tha a’ dol maille ris an taisbeanadh le facal-toisich bhon sgrìobhaiche Will Self.