Laban Ealain

Tha ‘Neo-chlàraichte’ (‘Uncharted’) na phrogram àrd-amasach airson òigridh air
feadh an Eilein a tha ga ruith leis An Lanntair is ga mhaoineachadh tron iomairt ‘Time to Shine’. Tha sinn air ceithir Ionadan Ealain a steidheachadh air an ruith le luchd-ealain urramach agus le gu leòr de ghoireasan agus acfhuinn a bheir cothrom do dhaoine òga a dhol an sàs ann am farsaingeachd mhòr de dhiofar ealainean. Airson barrachd fiosrachaidh air mar a thèid sibh an sàs, cuir
fios gu joe@lanntair.com

www.uncharted-art.com

Seann Sgoil Bhràgair, Diardaoin 4 – 6f
Spòrs Nis, Lìonal, Dihaoine, 4 – 6f
Ionad Coimhearsnachd Uig, Disathairn 1.30 – 3.30
Sgoil an Tairbeirt, Na Hearadh, Dihaoine 2 – 4f
An Lanntair, Steòrnabhagh, Dihaoine 2 – 4f

Cothroman ùra inntinneach dha sgoilearan S1 – S6 gach feasgar Dihaoine air tòiseachadh aig An Lanntair. Bidh cothrom aig daoine òga ealain a chruthachadh tro pheantadh, snàigheadh, cartùnaichean is mòran a bharrachd. Ma tha thu ann an S1 gu S6 agus ma tha ùidh agad ann, cuir fios gu Joe Mahony air 708493 no joe@lanntair airson àite a ghlèidheil.