Shrapnel

  • Published on: 28th January 2016
See all news

 

Mar phàirt de sheachdain de bhùithean-obrach agus tachartasan le Theatre Gu Leòr agus An Lanntair a’ cuimhneachadh air beatha agus obair Thormaid a’ Bhocsair, a’ tighinn gu ceann leis am prìomh thaisbeanadh den dealbh-chluich, Shrapnel.

Le Tron Theatre & An Lanntair
A’ Taisbeanadh
An Ciad Shealladh do

Shrapnel

Dàn’-thuras Gàidhlig co-aimsireil, stèidhichte sa bhaile mhòr
Chaidh Shrapnel ath-sgrìobhadh le Catriona Lexy Chaimbeul, bhon nobhail a chaidh a choisrigeadh dhi le h-athair, Tormod a’ Bhocsair nach maireann. Bha Tormod air leth aithnichte na sgrìobhadair Gàidhlig à Nis ann an Leòdhas agus bha daoine air leth measail air na sgrìobh e.

• Tha Shrapnel na dhàn’-thuras Gàidhlig co-aimsireil, stèidichte sa bhaile mhòr, ’s e air innse tro àbhachdas aimhreiteach, le caran àraid air adhbharrachadh tron dòigh anns a bheil na cànain Gàidhlig, Beurla agus Albais a’ nochdadh air fheadh. ’S e pìos theatair air leth lèirsinneach agus eas-chruthach a tha seo agus tha e fosgailte gu èisteachd farsaing.

“The fact is that it’s not only fluent but rich in vocabulary and imagery, and it overflows with perceptive, poetic, and comedic ideas. “ – Aonghas MacNeacail & Scottish Review of Books, 2009.

• Tha Shrapnel air a’ stèidheachadh ann an dorchadas dubh Dhùn Èideann. Tha sinn a’ siubhail aithrisear neo-aithnichte ‘s e air teicheadh bho chasaid murt. Tha sinn a’ leantainn ceumanan an aithrisear ‘s e a’ siubhail air feadh a’ bhaile, a’ coinneachadh ri iomadach caractar annasach agus a’ seachnadh a’ phoileis bhrùideil, Walter Shrapnel, a tha tric air a shàil.

“Set in Edinburgh, in areas not unlike those featured in Irvine Welsh’s Trainspotting, he retains our attention right to the end of this astonishing story” – Aonghas MacNeacail & Scottish review of books, 2009.

• Bidh fo-thiotalan tron phìos air fad agus mar sin tha e freagarrach airson fileantaich, luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus daoine gun Ghàidhlig sam bith. Le dealbhachadh, bhideo, ceòl agus dealbhachadh fuaim air leth tathaich bho Mhatt Padden, glacaidh am pìos theatair iongantach, èibhinn, annasach, dorcha agus eas-urramach seo aire èisteachd sam bith, a dh’aindeoin ’s gu dè an cànan a th’ aca.

• Tha droch chainnt agus beagan fòirneirt na mheasg agus mar sin tha sinn air Shrapnel a’ chuingealachadh gu aois 14+.

• Tha Leabhraichean Beaga air aontachadh dealbh-chluich Shrapnel fhoillseachadh ann an Gaelic agus ann am Beurla agus gheibhear seo ri cheannach air gach oidhche dhen chuairt – £6 (£3.50 oileanaich).
www.theatreguleor.co.uk

Ann an compàirteachas le Tron Theatre agus An Lanntair
Le taic bho Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Theatar Nàiseanta na h-Alba, Comhairle nan Leabhraichean, Playwrights’ Studio Scotland, Leabhraichean Beaga agus Glaschu Beò.

Ceangail gu lèirmheas dhen nobhail Shrapnel:ur-sgeul.tumblr.com/post/35336622681/if-i-suggest-that-the-new-gaelic-novel-shrapnel

Ceangail gu ro-shealladh dhen t-seachdain leasachaidh aig Shrapnel anns an Tron: https://vimeo.com/144522809

Ma tha sibh a’ sireadh barrachd dhealbhan, dealbhan ro-sheallaidh neo barrachd fiosrachaidh, cuiribh fios gu Linda NicLeòid: lindaclachan@yahoo.co.ukCuiribh fios gu
NA SIA CLEASAICHEAN ANN AN SHRAPNEL:
IAIN MACRATH – Tha Iain am measg nan cleasaichean Gàidhlig as aithnichte ann an Alba agus tha e a’ sàs gu cunbhalach ann am “Bannan” air BBC Alba agus ann an “River City” airson a’ BhBC. Tha e air a bhith air chuairt air feadh Alba le Theatar Nàisteanta na h-Alba le “Uisge gu Leòr/Whisky Galore” agus “Calum’s Road”.

MÀIRI MHOIREASDAN – Tha Màiri na bana-chleasaiche Ghàidhlig air leth trang. Thrèan i aig an RSAMD agus tha i air a bhith sàs ann am measgachadh do phrògraman an leithid “Katie Mòrag” agus “Bannan” airson BBC Alba. Tha i air a bhith air chuairt timcheall Alba agus bho chionn ghoirid air chuairt eadar-nàiseanta còmhla ri Theatar Nàiseanta na h-Alba le “Dunsinane”.

ARTAIR DÒMHNALL – ‘S e cleasaiche air leth cumhachdach a th’ ann an Artair. Thrèan e ann an Ionad Theatair Lee Strasburg ann an New York. Bho chionn ghoirid tha e air a bhith sàs ann an “Outlander” agus bha e an lùib sgioba thùsail “Machair” cuideachd. Tha e air a bhith na neach-ealain dràma air mhuinntireas ann an SMO airson trì bliadhna a-nis.

IAIN BEGGS – Nochd Iain air àrd-ùrlar na chleasaiche an toiseach nuair a bha e a’ sàs ann “Sequamur”, pìos theatair air leth cumhachdach mu dheidhinn a’ chiad chogaidh, a chaidh air chuairt air feadh Alba agus gu h-eadar-nàiseanta. A bharrachd air an seo, tha Iain a’ sàs ann am “Bannan” air BBC Alba agus bha e an lùib “Gaol @ Gael” air BBC Alba cuideachd.

CALUM DÒMHNALLACH – B’ àbhaist do Chalum a bhith am measg sgioba lìbhrigidh “Dè-a-Nis?” air BBC Alba. Nochd e air àrd-ùrlar na chleasaiche an toiseach nuair a bha e sàs ann an “Uisge gu Leòr/Whisky Galore” le Theatair Nàiseanta na h-Alba. Bho chionn ghoirid, bha e cuideachd a’ cleas ann an “The Cheviot, The Stag and the Black, Black Oil” le Dundee Rep.

CATRÌONA LEXY CHAIMBEUL – Dh’ath-sgrìobh Catrìona Shrapnel airson an àrd-ùrlair agus gu ruige seo tha i air còig nobhailean fhoillseachadh, ’s tha dhà eile an dùil nochdadh ann an clò nas fhaide air adhart air a’ bhliadhna seo. ‘S i a sgrìobh an dealbh-chluich mu dheireadh aig Theatre Gu Leòr, “Doras Dùinte” agus bha i a’ cleas ann cuideachd. Bidh i cuideachd a’ sgrìobhadh airson BBC Radio agus an TV son prògraman mar “Bannan”. Tha Catrìona cuideachd na bana-chleasaiche ann am “Bannan” air BBC Alba agus bho chionn ghoirid chluich i a Bhaintighearna NicBheatha aig a Citizens Theatre agus aig Fèis Dhùn Èideann ann an “MacBheatha” le White Stag.

LÈIRMHEASAN NAIDHEACHD AIRSON NA DEILBH-CHLUICHE MU DHEIREADH AGAINN, DORAS DÙINTE:
‘Nicely judged, with good direction from Muireann Kelly, beautiful ominous animation and design by Iain Craig and a chilly piano/acoustic guitar score from Ross Brown. Occasionally, its claustrophobia resembles Roman Polanski’s thriller Repulsion’ – Across the arts

‘Plenty of potential and some real narrative tension’ – An t-Albannach / The Scotsman

‘The ever changing power balance between the leads makes for interesting viewing in Catrìona Lexy Chaimbeul’s new play Doras Dùinte…. this simple tale of two people learning to live together takes an altogether darker turn as it explores the developing co-dependency between them ….the haunting music by Ross Brown makes for a lovely soundtrack behind the action and draws you into the intense atmosphere.’ – The Skinny

NA THUIRT AN ÈISTEACHD:
“Barrachd dhen seo ma ’s e ur toil le!” – Sineag Nic an t-Saoir, Glaschu.

“Bha e sgoinneil rudeigin ùr fhaicinn nam chànan thùsail” – Carina NicLeòid, Leòdhas.
CLÀR-AMA NA CUAIRT:
11mh & 12mh Màrt GLASCHU Tron Theatre 0141 552 4267 tron.co.uk
15mh & 16mh Màrt DÙN ÈIDEANN Ionad Sgeulachdas na h-Alba 0131 556 9597 tracscotland.org
17mh Màrt INBHIR NIS Eden Court 01463 234234 eden-court.co.uk
18mh Màrt OBAR DHEATHAINN Lemon Tree 01224 641122
aberdeenperformingarts.com

19mh Màrt MOIREIBH Talla Baile Inbhir Losaidh 01343 813328 wegottickets.com
20mh Màrt SRATH PHEOFHAIR Pavilion 01997 420124
strathpefferpavilion.org

22mh Màrt ULAPUL Ionad MhicPhàil 01854 613336 macphailcentre.co.uk
23mh Màrt AM PLOC Talla a’ Phluic www.wegottickets.com
24mh Màrt AN T-EILEAN Sabhal Mòr Ostaig 01471 844207 seall.co.uk
SGITHEANACH

26mh Màrt UIBHIST A TUATH Talla Chàirinis www.wegottickets.com
28mh Màrt BARRAIGH Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil www.wegottickets.com
1d & 2na Giblean STEÒRNABHAGH An Lanntair 01851 708480 lanntair.com

NOTAICHEAN A BHARRACHD DHAN LUCHD-DEASACHAIDH:
’S e Companaidh Theatair Gàidhlig ùr-ghnàthach agus ùr-nòsach a th’ ann an Theatre Gu Leòr. Tha e na dhleastanas dhuinn theatar Gàidhlig aig an ìre as àirde a thaisbeanadh agus a’ riochdachadh. Tha sinn ag amas air theatar Gàidhlig a thoirt gu èisteachd farsaing agus eadar-mheasgte air feadh Alba, le bhith a’ cleachdadh teicneòlas digiteach agus iomadh-mheadhain ann an dòighean ùra. Tha ionnsachadh cruthachail agus leasachadh sgilean aig cridhe ar n-obair. Tha sinn airson sgrìobhadh ùr sa Ghàidhlig a bhrosnachadh agus stòras ùr de dhràma Ghàidhlig ann an clò a chruthachadh.

A’ COMHARRACHADH OBAIR THORMOID A’ BHOCSAIR;
Gu fìor dhuilich chaochail Tormod Caimbeul as t-samhradh 2015, ach chunnaic e film dhen obair a rinn sinn tron t-seachdain leasachaidh againn aig an Tron san Fhaoilleach 2015 agus bha e fhathast a’ miannachadh gum bitheadh Shrapnel air a chur air an àrd-ùrlar. Le bheannachd, chùm sinn oirnn ag ath-sgrìobhadh an nobhail airson an àrd-ùrlair agus tha sinn air leth moiteil cothrom fhaighinn seachdain a chur air dòigh airson obair Thormoid a’ chomharrachadh anns An Lanntair ann an Leòdhas, an t-eilean anns an deach Tormod fhèin àrach.
Tòisichidh an t-seachdain shònraichte seo le bùithtean-obrach chloinne; bidh clann na Bun-sgoile air am brosnachadh le roghainn de na leabhraichean chloinne sgoinneil aig Tormod, bidh clann na h-Àrd-sgoile air am brosnachadh leis an nobhail aige, Hostel. A bharrachd air an seo, bidh bùth-obrach ann dhan choimhearsnachd; do dhuine sam bith ann an Leòdhas aig a bheil ùidh ann a bhith a’ sgrìobhadh, ag ath-sgrìobhadh agus a’ cleasachd. Chuir sinn tachartasan na seachdain seo air dòigh mar onair air an dòigh a chleachd e; a’ scapadh a ghaol airson na Gàidhlig agus a’ sgaoileadh a chuid sgrìobhaidh chun an ath ghinealaich.
Thig an t-seachdain gu buil le feasgar do dh’òrain agus do leughaidhean deilbh-chluiche airson obair nan iomadh sgrìobhadairean à Leòdhas a chomharrachadh. Bidh iad seo air an leughadh le sgioba Shrapnel. Mu dheireadh, crìochnaichidh an t-seachdain leis an dà oidhche mu dheireadh dhen chuairt anns An Lanntair.

Dh’fhaighneachd sinn dhan èisteachd againn:
“An bu toil leibh barrachd theatair ùr-nòsach Ghàidhlig fhaicinn bho TGL?” Thuirt 87% GUM BU TOIL.

Iain MacRath agus Artair Dòmhnall –
Seachdain leasachaidh san Tron san Fhaoilleach 2015.
EACHDRAIDH-BEATHA SGIOBA SHRAPNEL:

IAIN MACRATH
Tha Iain MacRath air a bhith a’ sàs anns na leanas: Uisge gu Leòr/Whisky Galore, (Theatar Nàiseanta na h-Alba), Calum’s Road, Tall Tales for Small People (Theatar Nàiseanta na h-Alba/Communicado), Fantom (White Stag/Citizens). Grunnan phìosan theatair aig Traverse, nam measg tha Homers, Heritage agus Passing Places, iomadach pìos còmhla ri Pròiseact nan Ealan mar: St Kilda – a European Opera. Eden Court, Theatre Hebrides, Theatre Highland, Mull, Watford Palace, agus Remould, Hull.
Telebhisean: Bannan, Machair, Case Histories, River City, RanDan, Comadaidh Òir, Consider the Lilies, Ice Cream Machine, Plan Man, Crowdie and Cream/Gruth agus Uachdar.
Film: Seachd, Rocket Post, Lost Salt Gift, Màiri Mhòr, Às an Eilean.
Rèidio: Calum’s Road, Black House, Wings of the Morning, No Hard Feelings, Elevenses with Twiggy, Apple Tree (uile leis a’ BhBC). B’ e Iain a bha stiùireadh Sequamur airson PnanE ann an 2015.

MÀIRI MHOIREASDAN
Thrèan Màiri aig an RSAMD ann an Glaschu. Tha i air a bhith a’ sàs ann an pailteas theatair, nam measg tha Dunsinane (Theatar Nàiseanta na h-Alba/Royal Shakespeare Company), Yellow on the Broom, Perfect Days, Whisky Kisses, The Admirable Crichton (Pitlochry Festival Theatre), Angus: Weaver of Grass (Horse + Bamboo Threatre), A Dead Man’s Dying (Òran Mòr/NTS), Jacobite Country, The Seer (Dogstar Theatre), Eat your Heart Out (Òran Mòr) Roghainn nan Daoine, Metagama (Theatre Hebrides) agus pìos theatair a sgrìobh i dhi fhèin a-mhàin Beasts of Holm, (Edinburgh Festival Fringe).
Tha Màiri air a bhith a’ sàs ann an sreathan telebhisean cuideachd, nam measg tha Bannan, Katie Morag, Dà Là san Damhair agus tha i air grunnan ghuthan-thairis a dhèanamh cuideachd.

CATRÌONA LEXY CHAIMBEUL
Tha Catrìona Lexy Chaimbeul air a bhith ag obair na tè-ealain theatair, na bana-chleasaiche agus na sgrìobhadair fad bhliadhnaichean. B’ i a’ chiad neach-ealain dràma Ghàidhlig aig Theatar Nàiseanta na h-Alba ann an 2011 agus bha an dealbh-chluich a’ sgrìobh i airson a’ BhBC stèidhichte air a’ chiad nobhail aice, Samhraidhean Dìomhair, air an rèidio san Dùbhlachd 2012. Tha Catrìona Lexy air a bhith na bana-chleasaiche anns na leanas cuideachd: Roghainn nan Daoine (Theatre Hebrides), MacBheatha (White Stag), Às an Dorchadas (GlasgowLife) agus tha i am measg sreath ùr dràma Ghàidhlig, Bannan. Bha i na sgrìobhadair air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2013. Bha a’ chiad dealbh-chluich aice, Doras Dùinte, air a’ riochdachadh le Theatre Gu Leòr agus chaidh e air chuairt ann an 2014.

IAIN BEGGS
Bidh Iain a’ cluich Anndra anns an t-sreath ùr do Bhannan air BBC Alba. Bha Iain cuideachd a’ sàs ann an dealbh-chluich cumhachdach mu dheidhinn àm a’ Chiad Chogaidh, Sequamur, ‘s bha seo na phàirt do Ghairm nan Gàidheal, le Pròiseact nan Ealan. Ron an sin, bha Iain air a bhith sàs ann an Cutadh is Cogadh, a bha na phàirt dhen aon shreath le PnanE. Chluich Iain Kenny Machismo – fear làidir a bh’ air a bheò-ghlacadh leis a gym – ann an Gaol @ Gael air BBC Alba agus bha e cuideachd a’ sàs anns an fhèis dhràma, Mach ann an 10, anns An Lanntair.

CALUM DÒMHNALLACH
Buinidh Calum do dh’Uibhist a Tuath agus cheumnaich e bho Oilthigh Ghlaschu ann an 2014, le ceum ann an Gàidhlig. Nochd e air àrd-ùrlar na chleasaiche airson a’ chiad turas nuair a bha e sàs san dealbh-chluich Uisge gu Leòr/Whisky Galore le Theatar Nàiseanta na h-Alba. Chaidh iad air chuairt timcheall Alba leis an dealbh-chluich seo ann an 2015 agus bhon uair sin tha e air a bhith sàs anns The Cheviot, The Stag and the Black Black Oil le Dundee Rep. Tha Calum air a bhith clàradh ghuthan-thairis cuideachd. An lùib na tha e air a dhèanamh airson an telebhisean tha Clann a’ Chogaidh Mhòir agus Air An Rathad, agus bha e cuideachd am measg sgioba lìbhrigeadh Dè-a-Nis? agus Gun Sgot, prògram farpais-cheist Ghàidhlig (BBC Alba).

ARTAIR DÒMHNALL
Thogadh Artair air eilean àlainn Thiriodh agus tha e air a bhith na chleasaiche proifeiseanta bho 1990 agus air nochdadh iomadh turas air rèidio, àrd-ùrlar, telebhisean agus ann am filmichean. Thrèan e ann an Ionad Theatair Lee Strasburg ann an New York agus tha e air a bhith sàs ann an Outlander, Big Hands in a Small War agus Machair. Bho chionn ghoirid, bha e stiùireadh pantomaim Gàidhlig, Cò Ghoid an Nollaig, agus an-dràsta, tha e ag obair air prògram dràma Ghàidhlig agus comadaidh a dheasachadh airson a rèidio. Bha Artair cuideachd na neach-dràma air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig agus thairis air na trì bliadhna mu dheireadh aige san dreuchd seo, tha e air a bhith teagasg sàr-chlasaichean ann an cleasachd air beulaibh a chamera, sgilean trèanaidh agus sgilean lìbhrigidh.
Iain MacRath agus Artair Dòmhnall – Seachdain leasachaidh san Tron san Fhaoilleach 2015.
EACHDRAIDH-BEATHA AN SGIOBA CRUTHACHAIL:

MUIREANN KELLY, Stiùiriche
Thrèan Muireann Kelly ann an dràma aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus rinn i Gàidhlig aig SMO. ‘S i tè do bhuill stèidhichidh Theatre Gu Leòr agus ’s i bha stiùireadh Doras Dùinte nuair a chaidh e air chuairt air feadh Alba ann an 2014. Bha Muireann a’ stiùireadh nan dealbhan-cluiche a leanas cuideachd, Lovers, Bold Girls agus The Birthday Party do Theatre Gu Leòr aig na h-Arches. Seo an dàrna bliadhna aice air cùrsa MA LTGA aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Tha Theatar Nàiseanta na h-Alba a’ cumail taic ris an ath phròiseact aig Theatre Gu Leòr cuideachd; dealbh-chluich a th’ air a sgrìobhadh le Muireann agus Frances Poet agus air a shuidheachadh ann an Achill agus ann an Cair Cheann Tulaich. Bho chionn ghoirid, thug sgilean cleasachd Muireann i a Shìona le pìos theatair an Tron, Ulysses, agus chaidh i a New York còmhla ri Dundee Rep nuair a bha i a’ cleas san dealbh-chluich In My Father’s Words.
IAIN CRAIG, Beò-dhealbhadh agus dealbhachadh seat.
Tha Iain Craig na dhealbhaiche stèidhichte ann an Glaschu agus bidh e ag obair eadar a bhith dealbhadh seat, beò-dhealbhadh agus nìthean graificeach. ’S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Iain bho thùs agus mar sin tha e fileanta ann an Gàidhlig agus tha an ùidh aige ann an cultar, conaltradh agus coimhearsnachd air leth follaiseach na obair gu lèir. B’ e Iain a dhealbhaich an seat, agus na seallaidhean a bh’ air an deàrrsadh air canabhas, ann an Doras Dùinte. B’ e a dhealbhaich seat EAT ME airson A Moment’s Peace Theatre Company agus dhealbhaich e Home, pìos ealain maireannach do Lyrca Theatre ann an Dùn Èideann. Thairis air na bliadhnaichean tha e air a bhith ag obair còmhla ri iomadh cathrannas agus iomadh buidheann ealain cuideachd, nam measg tha INSP. BBC, NIDOS agus Ailie Cohen a bhitheas a’ dèanamh phupaidean.

MATT PADDEN, Dealbhaiche fuaim.
’S e dealbhaiche fuaim agus innleadair-fuaim a th’ ann am Matt Padden agus tha e stèidhichte ann an Glaschu. Tha e air a bhith os cionn an fhuaim aig Theatar Nàiseanta na h-Alba bhon 2008. Tha chuid obair dealbhaiche a’ nochdadh anns na leanas; The Tin Forest – Puppet Labyrinth, Long Gone Lonesome, Wall of Death: A Way of Life and agus bha e ag obair na fhear-dealbhaiche fuaim teicnigeach airson Enquirer. Tha e cuideachd air a bhith dealbhadh fuaim do phròiseactan eile mar Andromaque (Òran Mòr), Last Dream on Earth (Kai Fischer/National Theatre of Scotland/ Tron, Glasgow), Entartet (Kai Fischer/Vanishing Point/CCA), Subway (Vanishing Point) agus Woyzeck (Corcadorca).

CARYS HOBBS, Dealbhachadh seat agus aodaich
Cheumnaich Carys bho Oilthigh QMU ann an Dùn Èideann. Bho chionn ghoirid dhealbhaich i Happy Days le Samuel Beckett, Colquhoun and Macbryde airson an Tron Theatre, agus One in a Million airson APA/Òran Mòr. ‘S i cuideachd a dhealbhaich an t-aodach ann an Kingdom agus In this Storm airson Theatar Dannsa na h-Alba. Tha Carys na dealbhaiche aodaich air mhuinntireas aig Bard in the Botanics agus mar sin bha i a’ dealbhadh aodaich son Hamlet, A Midsummers Night Dream, The Comedy of Errors. Tha Carys cuideachd air obair dealbhaiche a dhèanamh dha na dealbhan-cluich a leanas, Cinderella, Jack and the Beanstalk (The Byre Theatre) The Cone Gatherers (APA) The Selfish Gian (Wee Stories), The Snow Queen (Theatr Powys) agus Electric Man (featire film Dugbus LTD).

KAREN BRYCE, Dealbhachadh sholais
Thrèan Karen aig an RSAMD agus tha i ag obair na manaidsear stèidse airson nìthean teicnigeach aig an Tron. Tha i air dealbhachadh sholais a dhèanamh anns na pròiseactan a leanas Muliplex, Staircase, Lost agus Happy Days aig Theatar an Tron. Tha i cuideachd air a bhith sàs ann an grunnan phròiseactan mòra, mar eisimpleir The Enchanted Forest ann an Dùn Chailleann agus ann an Gàrraidhean Botanic Dhùn Èideann. Bidh Karen cuideachd a’ dealbhachadh sholais dhan bhana-sheinneadair ainmeil Horse, ‘s i air chuairt ann an Talla-cuirme Rìoghail Ghlaschu, Tallaichean Baile Ghlaschu, an t-Seann Fruitmarket agus Na Barrowlands. Tha Karen are a bhith an urra ris na pyrotechnics ann an iomadh pròiseact mhòr mar an City Of Architecture & Design, Glasgow’s Millennium celebration, Glasgow’s George Square Christmas Lights Switch On agus Guy Fawkes. Bha Karen cuideachd ag obair na manaidsear ionmhais airson pròiseactan Transform aig Theatar Nàiseanta na h-Alba ann an 2009/2010 agus airson UZ Events.