Bho Measgadh Maragan gu Gàgail ann an Gàidhlig na Faoileagan

  • Published on: 29th May 2019
See all news

Tha bloga na seachdain a’ tighinn bho Calum Friseal, foghlainneach aig An Lanntair a tha a’ dèanamh obair air am prògram ealain Ghàidhlig againn. Leughaidh sinn beagan bheachdan air cor na Gàidhlig san fharsaingeachd, agus an cothrom a tha a dhreuchd a’ tabhann gus obair chudromach a’ choileanadh air taobh na Gàidhlig….

Tha deich mìosan ann o thòisich mi nam’ dhreuchd aig An Lanntair. Cha robh mòran de fhios agam na bha romham, neo fiu ‘s dè a bha mi ag iarraidh ach atharrachadh. Prògramair ealain Ghàidhlig tiotal mo dhreuchd agus ‘s e post foghlainneachd a th’ ann. Is chan ann beag an atharrachadh bho bhith ag obair aig bùth a’ bhùidsear a’ measgadh maragan- fuil agus min-choirce shuas gu m’ uilinnean. Air an làimh eile ge-tà, cha bhith mi a’ faighinn bracaist teth a h- uile madainn sa Lanntair, ach chan e gearran mòr tha sin idir agus chan eil mo chrios a’ srann mar a bha co-dhiù.

De tha mi air a bhith cuir ris thairis air na deich mìosan ma-tha? Uill, is i Alex NicDhòmhnaill a’ chuir am post agam air dòigh le taic maoineachaidh bho Alba Chruthachail, agus is e post far a’ bheil comas sa Ghàidhlig riatanach a th’ ann. Gu dearbh thug sin brosnachadh dhomh fiu ‘s mus do thòisich mi- chan e rud a bhios sinn a’ faicinn tric idir, ach bu chòir! Buadh luachmhor a th’ againn anns a Ghàidhlig agus is ann nas motha a tha an tuigse agam air sin a- nis o thòisich mi, agus nas motha a tha i a’ fàs.

Aig ìre pearsanta is e rud cudromach a th’ ann co-dhiù, o chionn an t- seasmhach eachdraidheach. Ach tha seasamh cudromach aige san latha an diugh cuideachd. Tha ùidh aig na luchd-turais nar canan agus nar cultar, agus is ann fàs a tha eaconamaidh nan turasachd a’ dèanamh gach bliadhna: Agus tha iad a’ lorg Gàidhlig- am buadh prìseil tha sin a bha air a’ sàrachadh thar na linntean. Ach tha làn thìde ann a- nis airson brosnachadh.

Leis gu bheil iad a’ togail cidhe ùr aig Airinis airson bàtaichean cuairt-mara agus caladh ùr airson sgothan, feumaidh gu bheil iad an dùil gun tig sluagh mhòr a’ thadhail oirnn, agus chan ann airson an teas agus a’ ghrian a- mhàin a tha iad a’ tighinn ach airson greis-ionnsachaidh cultarach. Le ginealach na meadhanan-sòisealta, tha làithean-saora den t- seòrsa cho cudromach a- nis agus air an cleachdadh mar airgeadra sòisealta. Tha sluagh ann a tha a lorg àitichean eadar-dhealaichte, sònraichte airson nan làithean-saora, an àite na làithean-saora àbhaisteach air an tràigh ann an dùthaich teth- agus gu dearbh tha sin againn ri thabhann. Agus ged nach eil i teth, tha fiu ‘s tràighean againn, is chan eil gin san t- saoghal a leth cho bòidheach riutha.

A’ leantainn adhart bhogus slaan t- saoghal a leth cho boidheach risin, tha cuideachd iarrtas ann airson làithean-saora a tha a’ cuir prìomhachas air fallaineachd agus slàinte, agus is e àite fìor math a th’ againn airson sin le cho socair ‘s a tha cuisean agus an t- àrainneachd nàdarra neo-thruaillte againn. Tha seo na thàladh do luchd-turais a tha a’ gabhail ùidh ann an isein, beathaichean-fiadhaich eile, beatha-mara is mar sin. Gu dearbh ‘s e buadh a th’ ann gu bheil sinn suidhichte air eilean. Tha daoine tric airson beagan iomallach fhaireachdainn air nan làithean-saora, airson faireachdainn gu bheil iad fada air falbh bhon dreuchdan agus an cuid trioblaidean, agus bidh iad a’ lorg fois is sìthealachd an seo.

Ach a chuid as motha, ‘s ann as an dùthaich againn fhìn a bhios iad a’ tighinn airson tuilleadh fiosrachadh fhaighinn air an cultar iongantach a th’ againn sa Ghàidhealtachd agus gu h- àraid ‘sna h- eileanan. Ach an fheadhainn a tha a’ tighinn airson a’ Ghàidhlig a’ lorg, bheil i ri fhaighinn?

A- rèir aithisg a’ rinn am BBC o chionn beagan sheachdainean, chan eil. Agus is e sgrios a th’ ann nuair a chìthear gu bheil comas aig sluagh mhòr dha ri-ribh air a chànan. Ach chan eil misneachd ann, agus is beag an t- iongnadh an dèidh bhliadhnaichean fhada de shàrachadh, an dealbh seann-fhasanta a’ chruthaich daoine timcheall air a Ghàidhlig, agus leis gu bheil sinn a’ bruidhinn sa Bheurla nuair a tha ach aonan ann am buidheann gun a Ghàidhlig. A’ gluasad air thoiseach, bu chòir misneachd a bhith againn ge-tà.

Tha cothroman air leth ri thighinn anns na bliadhnaichean a tha air thoiseach oirnn agus bu chòir dhuinn a’ bhith a’ brosnachadh a chèile gus a Ghàidhlig a’ ionnsachadh, a’ bhruidhinn sa choimhearsnachd, san sgoil agus aig obair, agus na clann a’ bhrosnachadh ris a Ghàidhlig mar chuspair san sgoil: mar a tha sa Chuimrigh! Nam bheachd ‘s e sin a chuidicheadh sinn ris a chùis a’ dhèanamh air a chothrom mhòr tha romhainn. Suidheachadh tàmailteach a th’ ann nach eil sgoil Ghàidhlig againn an seo, agus nach eil ar foghlam ri fhaighinn nar chanan fhèin. Bhiodh sinn deiseil is deònach a’ leum air a chothrom tha seo an-dràst fhèin ma bha, is cinnteach gum biodh an ath ghinealach de Ghàidheil le ùidh ‘sa chultar aca fhèin, agus comasach sa chànan airson obraichean àirde ‘sna h-ionadan dualchais agus cultar a’ choileanadh gu h- èifeachdach (neo gu dearbh obair sam bith air feadh an t-eilean a’ choileanadh a’ cleachdadh na Gàidhlig) agus fiu ‘s gnìomhachasan Ghàidhlig ùr a’ stèidheachadh- ach ‘s docha gum buin mi air sin san ath bhileag-propaganda a’ sgrìobhas mi.

An-dràst ge-tà, cumaidh mi orm le bhith ag ionnsachadh na s’ urrainn dhomh bho Alex, agus a’ feuchainn ri prògram air leth ullachadh gus ealain bho air feadh an t-saoghal a’ thoirt gu muinntir nan eilean, agus ealain nan Gàidheal a’ shealltainn ri neach-tadhail bho air feadh an t-saoghal fada, farsaing. Agus tha planaichean àrd-amasach dha ri-ribh againn airson a’ Ghàidhlig aig An Lanntair san t-àm ri teachd. Tha mi air a bhith ag obair air plana airson a’ Ghàidhlig agus tha mi air tòrr brosnachadh fhaighinn gus na planaichean seo a’ thoirt gu bith. ‘S e uallach mòr a th’ ann ach tha mi taingeil airson an t- uallach tha sin, leis nach robh mi an dùil ris fhad ‘s a bha mi ag obair mar foghlainneach. Cuideachd fhuair mi cothrom obair a’ dhèanamh air pròiseact Between Islands a tha Alex a cuir air dòigh. Tha sin fhathast a’ dol air adhart agus le sin tha sinn air a bhith a’ dèanamh rannsachadh air ar cultar agus eachdraidh fhèin gus coimeas a’ dhèanamh eadar na lorgas sinn an seo agus na lorgas sinn ann an eachdraidh Arcaibh agus Sealtainn.

An luib seo tha sinn air a bhith a’ cuir agallamhan air dòigh leis an t-seann-sluagh agus le eòlaichean- ach is e an trioblaid a th’ agam, gur ann a’ togail dà cheist eile a bhios gach freagairt o chionn ‘s gu bheil am fiosrachadh a th’ aca cho inntinneach. Air sgàth seo, mhothaich mi dà rud: A h-aon, gu bheil eachdraidh cho, cho inntinneach againn; agus a dhà, cho cudromach ‘s a tha e gum faigh sinn an t- uiread de fhiosrachadh as urrainn dhuinn bhon ginealach as sinne, fon tha beartas cultarach san eòlas a th’ aca agus bhuan iad tro àm nach gabhar creidsinn an latha an diugh. Gu dearbh rugadh agus thogadh mo ghranaidh ann an taigh-tughaidh- sguab-fhraoich airson an làr poll a’ chumail sgiobalta! Agus h-abair gun robh iad toilichte na barail fhèin.

Cuideachd dh’ionnsaich mi o chionn greis beag dha ri-ribh mu thachartasan cudromach ann an eachdraidh Tolastadh a Chaolais, am baile far na rugadh mi agus far na dh’fhuirich mi airson còrr is naoi bliadhna deug: A leithid mòr-uaigh bho blàr eadar Clann MhicAmhlaigh h an t-eilean aagus Clann Mhoireasdan aig ceann a deas na baile; agus seann bhaile a tha ri lorg aig ceann a deas Tolastadh a’ Chaolais cuideachd, far nach eil ach balla ìosal neo dhà agus tiùrr chlachan an siud ‘s an seo ri fhaicinn fhathast. Ach tha am fiosrachadh seo cho cudromach agus feumaidh sinn ar dìcheall a’ dhèanamh gus ar dìleab a’ dhìon, agus feumaidh sinn sin a’ dhèanamh sa bhad!

Is beag an t-iongnadh gu bheil sluagh mhòr airson a’ thadhail oirnn. Nuair a smaoineachas mi air cho àlainn sa tha ar eilean, agus gu bheil sin a’ dol an làimh ar eachdraidh, cultar is canan sònraichte, tha e follaiseach rium-sa thast bhuan iadioblaidean, agurraigh gum bu chògum bu chòir dhuinn a’ bhith misneachail mun a Ghàidhlig. Mholainn-sa do dhuine sam bith aig a’ bheil comas sa chànan obair a’ lorg ann an saoghal na Gàidhlig. Cha do mhothaich mi riamh tron sgoil cho cudromach ‘s a tha i- fon is e curraicealam Beurla a bha sinn ag ionnsachadh- ach tha mi air sin mothachadh a- nis gun teagamh! Agus tha rùm gu leòr ann airson tòrr a bharrachd obraichean far am biodh a’ Ghàidhlig riatanach, agus tha mi taingeil airson an cothrom a fhuair mise agus toilichte gu bheil An Lanntair a’ brosnachadh tro eisimpleir.

Ach an-dràst, feumaidh sinn dìreach a’ dhèanamh cinnteach gun cleachd sinn i agus gum bith sinn pròiseil as a’ chànan, an cultar agus an t-àrainneachd againn! Feuch air a’ Ghàidhlig, agus ma gheibhear freagairt sa Bheurla, chan eil call sam bith ann; ach ‘s docha gun gabh sibh iongnadh air an t-uiread de fhreagairtean a gheibh sibh sa Ghàidhlig, neo air a char as miosa, ‘s docha gun toir sibh gàire do neach-tadhail aineolach air choireigin.

Tha feadhainn den bheachd nach eil i ri bhruidhinn san t- òigridh ach gu dearbh tha. Agus ma chì sibh sa Lanntair mi- tha mi da mheatair a dh’àirde agus cluinnidh sibh gàgail  “Gaidhlig na faoileagan” bhuam (mar a thuirt fear a Taigh Chearsabhagh rium air Gàidhlig Leòdhas) – na bruidhnibh idir rium sa chanan choimheach!