A’ Tadhal Oirnn

Seòladh:

An Lanntair
Sràid Choinnich
Steòrnabhagh
Eilean Leòdhais
HS1 2DS

Google Maps

Fòn:

01851 708 480

Post-d:

info@lanntair.com

Carthannas Clàraichte Àir: SC003287


Uairean fosglaidh:

  • Uairean fosglaidh: Diluain gu Disathuirne 10m – anmoch
  • Café Bar fosgailte: 10m – anmoch
  • Faighinn a-steach: AN-ASGAIDH

Parcadh:

Tha parc-chàraichean mòr poblach ri taobh An Lanntair air Mol a Deas, Steòrnabhagh.

Tha dà àite parcaidh dha ciorramaich ri taobh na slighe a-steach chun An Lanntair air Sràid Choinnich. Tha gach làr dhen togalach ri ruighinn le lioft.

Còmhdhail Phoblach:

Tha An Lanntair a’ suidhe mu choinneamh stèisean bus Steòrnabhaigh air a’ Mhol a Deas.

Am Prìomh Dhoras:

Tha an t-slighe a-steach dhan Lanntair air Sràid Choinnich

Ciorramaich:

Tha doras sònraichte dha ciorramaich an seo. Tha an deasg fiosrachaidh, bùth, an talla mòr agus an gailearaidh air an làr as ìsle. Tha an cafaidh bàr agus an oifis air na làran a tha shuas, le lioft agus staidhre thuca.

Access Statement 

A’ Tadhal air na h-Eileanan:

http://www.visitouterhebrides.co.uk/ – airson fiosrachadh dha luchd-tadhail, àitean fuirich agus rudan ri dhèanamh.
Bho cheann a tuath Eilean Leòdhais gu ceann a deas Bhatarsaigh, tha na h-Eileanan Siar air iomall a’ Chuain Siar le iomadh seòrsa rud ri dhèanamh mar chur seachad agus dibhearsain.
Eadar an t-sàmhchair ’s an t-sìth agus an àrainneachd bhreagha, cuiridh na coimhearsnachdan fàilte bhlàth chridheil nan Eilean ort
Dèan rannsachadh air eachdraidh an àite, le beartas thaighean-tasgaidh agus charraighean-cuimhne. Air neo theirig a thadhail air coimhearsnachdan làn dualchais na Gàidhlig le croitearachd, tachartasan coimhearsnachd is dannsaichean cèilidh a’ toirt dhaoine còmhla an dòigh fìor shònraichte.

Airson barrachd fiosrachaidh air na h-Eileanan Siar:

  • Fiosrachadh turasachd air Alba gu lèir – http://www.visitscotland.com/see-do
  • Bàtaichean Mhic a’ Bhriuthainn – https://www.calmac.co.uk/
  • Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean- http://www.hial.co.uk/
  • Flybe – http://www.flybe.comCarthannas Clàraichte Àir: SC003287
An Lanntair Building - Rush Hour