A’ Bhùth

Tha bùth An Lanntair tè dhe na bùithtean as àraidh, iongantaich ann an Steòrnabhagh. Lorgas innte iomadach seòrsa rud sònraichte dhut fhèin agus mar phreusantan dha daoine eile, ann an iomadh seòrsa stoidhle agus aig gach seòrsa prìs.

Tha sinn le nithean sa bhùth nach lorgas am bùth sam bith eile sa bhaile agus stuth bho luchd-ciùird aig a bheil dòigh fìor shònraichte. Tha sinn a’ reic ghnothaichean bho mhuinntir nan Eilean, nithean cho eadar-dhealaichte ri nithean air an dèanamh le Clò Mòr na Hearadh agus stuthan-maise air an dèanamh às feamainn.

Tha farsaingeachd mhòr de leabhraichean chloinne agus leabhraichean Gàidhlig dha clann is inbhich.

Tha An Lanntair cuideachd a’ deilbh agus a’ cruthachadh diofar ghnothaichean sònraichte ’son reic sa bhùth; tiodhlacan Gàidhlig, tubhailtean agus cairtean nam measg.

Tha na h-uiread againn, eadar preusantan beaga, stuth airson an taighe, leabhraichean, grìogaigean, pàipear-còmhdaich, cairtean, stuthan sgriobhaidh is eile, bhiodh e cho math dhuibh thighinn a-steach a dh’fhaicinn dhuibh fhèin!