LÀITHREACH

Photography by Sam Maynard Photography by Sam Maynard

Tha An Lanntair na ionad ealain stèidhte ann an teis-meadhan Steòrnabhaigh aig a bheil dleastanas brosnachadh agus taic a thoirt do na h-ealainean air feadh nan Eilean Siar. Tha coimhearsnachd fhallain ealain againn sna h-Eileanan, coimhearsnachd a tha a’ sìor fhàs. Tha ealain is cultar Gàidhealach nan Eilean le cliù eadar-nàiseanta, le prÏomhachas aig litreachas agus ceòl Gàidhealach.

Tha An Lanntair ag amas air taic agus brosnachadh a chumail ri luchd-ealain nan Eilean ann an iomadach seòrsa dòigh. Tha sinn a’ tabhainn chothroman dha tàlantan ùra gus ceanglaichean a steidheachadh leis na gnìomhachasan cruthachail ach am faigh iad comhairle agus taic. Tha sinn a’ cur an togalach fhèin gu feum ann an grunn dòighean is sinn a’ toirt àite do luchd-ealain nan gnìomhachasan cruthachail air fad. Tha An Lanntair na ionad ealain anns am faigh pròiseactan ealain agus com-pàirteachasan ealain cothrom leasachadh agus fàs.

Cùm sùil a-mach an seo ’son chothroman dha luchd-ealain a dhol an sàs sna prògraman againn. Gheibhear cuideachd fiosrachadh mu sgeamaichean taice dha luchd-ealain agus dha gnìomhachasan cruthachail.