Wave Migration: Laura Maynard

6 AN GIBLEAN – 11 AN CÈITEAN

Bho thràth sna 1990 an tha coimhearsnachd bheag ach bheòthail de luchd-surfaidh air a thighinn air adhart air Eilean Leòdhais.  Tha sgeulachd shònraichte aig gach neach air mar a thàinig iad gu bhith mar phàirt dhan choimhearsnachd surfaidh – tha prìomh thachartasan, daoine agus àiteachan sna sgeulachdan aca a thug orra fuireach agus surfadh air costa fhiadhaich Leòdhais na phàirt chudromach dham beatha.  A thaobh an luchd-surfaidh a bhuineadh do Leòdhas bho thùs, bha an spòrs, an dòigh-beatha agus am mòr-ùidh seo na phàirt mhòr dhan cho-dhùnadh fuireach – nuair a bha mòran de na co-aoisean aca a’ fàgail an eilein.  A thaobh an fheadhainn a ghluais chun an eilein b’ e na suailichean, an dìthreabh agus an cultar a thug iad gu rud eadar-dhealaichte agus sònraichte a lorg ann an Leòdhas.

Tha am peantair, am priontair sgrion agus an neach-surfaidh Laura Maynard ag innse sgeulachd luchd-surfaidh Leòdhais tro dhealbhan mòra agus pìosan meadhan-measgaichte.  Am measg nan dealbhan dhan luchd-surfaidh tha ìomhaighean agus samhlaidhean a tha toirt beachd dhuinn air an t-slighe a ghabh iad gu bhith mar phàirt dhan choimhearsnachd bheag, làidir seo.  Tha an neach-fiolm, togail-dheilbh agus surfaidh Jim Hope air fiolm goirid a chruthachadh a’ sealltainn oirthirean fiadhaich, suailichean agus uisgeachan fuara.  Tha Mark Lumsden na neach-surfaidh agus bidh e cuideachd a’ dealbhadh agus a’ togail bùird-surfaidh na bhùth-obrach ann an Nis.  Thèid na sgilean aige a thaisbeanadh tro bhòrd a chaidh a dhealbh gu sònraichte airson muir Leòdhais.