T.Ò.G.: An Lab

25 - 26 May

‘S e pròiseact co-obrachail a th’ ann an ‘T.Ò.G.: An Lab’, a th’ air a lìbhrigeadh le Eden Court ann an com-pàirteachas le Fèisean nan Gàidheal.
Bidh trì buidhnean dràma bho air feadh na Gàidhealtachd a’ dealbhadh obair ùr sa Ghàidhlig le altan-obrach taisbeanaidh ‘s riochdachaidh am follais. Gheibh na buidhnean sin taic bho dhithis phroifeiseantaich chruthachail. Nì gach buidheann taisbeanadh fa leth san sgìre aca fhèin agus a-rithist aig Tèatar Eden Court mar phàirt de fhèill-thaisbeanaidh ‘TÒG: An Lab’.

An Lanntair, Steòrnabhagh | 25 -26 Cèitean

Fèis Eden Court | 2 Ògmhios

Tha am pròiseact seo SAOR AN-ASGAIDH. Nam bu toil leat pàirt a ghabhail ann cuir fios gu Nicola, Oifigear Com-pàirteachaidh Eden Court.
To register your interest to take part in this FREE project contact Nicola, Eden Courts Engagement Officer: ngray@eden-court.co.uk