Skipinnish

Diar 15 Ògmhìos

Air ainmeachadh mar ‘Còmhlan Beò na Bliadhna’ aig Duaisean Traidiseanta na h-Alba, tha Skipinnish gu mòr air soirbheachadh bho chionn goirid le trì clàran singilte agus gun tiocaid air fhàgail airson a’ chonsairt aca aig Talla Rìoghail Consairt Ghlaschu; leis an èisteachd gu lèir air an casan aig an deireadh. Le Norrie ‘Tago’ MacÌomhair a-nise sa chòmhlan, tha iad le clàr ùr, The Seventh Wave, le pìosan dheth air an cluich aig a’ chonsairt seo. Thèid cuideachd na seann òrain ainmeil aca leithid, The Island, December, Western Ocean agus Walking on the Waves an cluich cuideachd.

Faodar a bhith cinnteach gum bi oidhche shònraichte agaibh le Skipinnish!