Gaelic Writing Session – Seiseanan Sgrìobhaidh – Saor an Asgaidh

Thurs 9 Nov - Thurs 23 Nov

Book Tickets Online

Call: 01851 708 480

Tha an Lanntair a’ tòiseachadh seiseanan sgrìobhadh Gàidhlig. Tha sinn an dòchas gur e rud leantainneach a bhitheas an seo, ach an-dràsta tha sinn a’ tòiseachadh le dìreach 4 seachdainean de sgrìobhadh airson telebhisein le Laura NicIllinnein. Tha Laura ag obair mar aon de na sgrìobhadairean air Bannan.

Tha an t-uabhas chothroman ann a-nis airson obair a thaisbeanadh agus buidhnean mar Theatre Nàiseanta na h-Alba, Playwright Studio, FilmG, MG Alba agus Theatre gu Leòr a’ sireadh sgriobtaichean Gàidhlig.

Tha sinn airson ‘s gum bi na seiseanan spòrsail, neo-fhoirmeil ach gun toir iad misneachd agus cothrom do dhaoine an cuid obrach a thaisbeanadh.