Theatar Òigridh Alba agus An Lanntair : Sgoil Shamhraidh Theatar

Dil 23 – Dih 27 Iuchair

Cuiridh Theatar Òigridh Alba agus an Lanntair air dòigh cùrsa chruthachail fad seachdain airson daoine òga aois 10 – 18 airson pìos thèatar a chruthachadh.  Stiùiridh luchd-obrach SYT bùithtean-obrach ann an sgilean cluiche, ullachadh sgeulachd ùr agus a’ cluiche air beulaibh luchd-amhairc. Aig an àm ceudna bithear a’ ruith bùithtean-obrach deilbh seata agus dèanamh stuthan-taic air a stiùireadh le Neach-ealain Lèirsinn agus Scenographer.  Leasachaidh na bùithtean-obrach sgilean, misneachd agus fèin-mhothachadh nan daoine òga agus bheir iad dhaibh an cothrom blasad fhaighinn de na tha an cois thèatar cruthachail.