Sìoman Gainmhich

18 Màrt - 8 Giblean

Art Space Nature

Anns an Dàmhair 2016, thàinig am prògram cliùiteach Masters Art, Space + Nature (ASN) a thadhail air Leòdhas is Na Hearadh le stiùiriche a’ phrògraim Dòmhnall Urchadan. Lean an rannsachadh a rinn iad air adhart gu pìosan obrach a chaidh an taisbeanadh anns an Tent Gallery ann an Dùn Èideann. Thill na h-oileanaich a Leòdhas a thaisbeanadh nam pìosan-obrach aca fon tiotal Sìoman Gainmhich (‘Ropes of Sand’); a’ coimhead ri cuspairean a thàinig gu bàrr a chiad turas a thàinig iad chun nan Eilean.

 

Chaidh Art, Space + Nature, Colaiste Ealain Dùn Èideann; Oilthigh Dhùn Èideann a steidheachadh ann an 2003. Tha e a’ tabhainn freàma-obrach airson ionnsachadh adhartach sna h-ealainean, ann an ailtireachd agus gnothaichean a bhuineas dhan àrainneachd. Ag obair a rèir na feallsanachd an lùib eag-eòlais – gu bheil gach nì a th’ ann ceangailte ri chèile – tha am prògram dà-bhliadhna ag obair thar diofar chuspairean.