Party at the Pictures presents: Desperately Seeking Susan

Sat 11 March

Ceannaich Tiocaidean

Fòn: 01851 708 480

Tha Partaidh aig na Pioctairean air ais, agus ’s ann dha na caileagan a tha i an turas seo.

A’ comharrachadh Seachdain nam Ban aig An Lanntair, tha sinn gu bhith a’ sealltainn an fhiolm chlasaigich bho 1985 Desperately Seeking Susan anns an do nochd Madonna, is i tè dhe na daoine a b’ ainmeil san t-saoghal aig an àm.

Nuair a thig am film gu ceann, tha seata beò DJ a’ tòiseachadh, le ceòl bho fharsaingeachd bhoireannach tàlantach.

Am measg na chluinneas sibh air an oidhche, bidh Madonna (mar a shaoileadh), Blondie, Beyoncé, Aretha Franklin, Diana Ross, Eurhythmics, Robyn, Tori Amos, Donna Summer, Courtney Barnett, Grimes, Dolly Parton agus tòrr mòr a bharrachd.

Nach d’ thuirt mi ribh gun robh measgachadh gu bhith ann!

Ged nach eil fireannaich idir a’ nochdadh san taghadh chiùil, tha fàilte gan cur orra a dh’fhaicinn cho mìorbhaileach, tàlantach, eirmseach ’s a tha na mnathan. Tha sinn airson is gun tig na caileagan chun na h-oidhche is iad air an sgeadachadh fèin mar a’ bhan-seinneadair as fheàrr leotha – air neo mar Madonna, ma tha e ro dhuilich taghadh a dhèanamh.

Feuch gum bi sibh còmhla rinn airson oidhche a’ cuimhneachadh nan 1980s le dibhearsain is dannsa. Nach i Madonna fhèin a sheinn uaireigin:

music can be such a revelation;

dancing around you feel the sweet sensation

Agus mar a tha fios againn uile, chan eil càil ach sweet sensations a’ dol air oidhche a-muigh aig Partaidh aig na Pioctairean.