Oir na Sùil; Edge of Sight: Margaret Uttley & David Knight

2 An t-Ògmhios - 7 An t-Iuchar

Maragret Uttley: Clear Winters Night

Tha na dealbhan is na peantaidhean sin a’ sealltainn nan seallaidhean iongantach a chithear aig Gob a’ Ghallain agus mun cuairt Bhaltois.  Sealladh mìorbhaileach den Chuan Siar agus adhar farsaing, mòr, is e àite a tha seo a tha fosgailte is farsaing. Figearach agus eas-chruthach, tha an obair a’ dol an sàs ann an sgèile, cothlamadh agus sgrùdadh taobhan den àrainn làidir seo, le bhith a’ ceangal ri chèile eileamaidean den àile; an aimsir, am muir, an adhar, gluasadan, dath, sealladh-tire, structairean, ruitheam agus uachdairean.

 

Tha eachdraidh an làraich mar ionad MOD a’ cur ris an fhaireachdainn de dhràma agus dhìomhaireachd a tha na chois, agus tha planaichean ann airson Cetus Project gus ionad reul-eòlach a thogail a bhios na phròiseact inntinneach san àm ri teachd.