Ceàird Liormachd – Naked Craft

15 Giblean – 3 Ògmhios

Martin Campbell - Weave Sat Together Martin Campbell - Weave Sat Together

Tha seann nòsan ciùird nan ceanglaichean eadar Canada agus Alba, le fèin-aithne a’ Chinn a’ Tuath eatorra. Tha an taisbeanadh seo a’ togail air cuid dhen na nòsan agus air an dualchas seo; agus mar a tha iad a’ toirt buaidh mhòr air fèin-aithne is cultaran ar dùthchannan.

 

Tha e a’ dol air ais chun nan ceithir cuspairean a tha a’ ceangal là an-diugh ris na làithean a dh’fhalbh – Alba an-diugh is Alba an-dè – beachdan stèidhte agus feadhainn a tha ag atharrachadh. Tha seo a’ cur solas air diosaplain, teòiridh, beachdan-smuain agus dòighean-obrach. Tha e a’ coimhead as ùr ri cruthachadh agus cleachdadh obrach-ciùird bho shealladh là an-diugh agus là an-dè.

Fo sgèith a’ chuspair Dèan Fèin E: DIY, thathas a’ coimhead ris na dàimhean eadar gnothaichean agus an eachdraidh fhada, bheartach de phròiseactan beaga timcheall an taighe – a’ dèanamh a’ chùis gun a bhith an urra ri daoine eile.

 

Ann an Down and Dirty: Politics and Materials thathas a’ togail air an dàimh eadar aon neach no coimhearsnachd ri àite, ri càll is ri fuadachadh agus a’ cur solas air ceanglaichean ùra no leasachaidhean innleachdach.

 

Tha New Positions a’ toirt àite dha ginealach ùr de luchd-ciùird a tha a’ cleachdadh bhriathran agus dhòighean-obrach ùra, leithid craftivism, yarn bombing, agus sloppy craft.

 

Fa dheireadh, tha Tooling Up: New Technologies and Economies, a’ coimhead ri luchd-ciùird agus na h-innealan agus stuthan aca; is iad a’ cnuasachadh air pròiseasan ùra, a’ cur eòlas ùr air na stuthan aca, agus a’ cruthachadh dhòighean-obrach agus innealan ’son na h-obrach aca.