Marcas Mac an Tuairneir: Aithris bàrdachd agus Q&A

Diar 23 Gear 2017

Ceannaich Tiocaidean

Fòn: 01851 708 480

Lavender

Mar phàirt den mhìos air eachdraidh LGBT aig An Lanntair sa Ghearran 2017, tha sinn toilichte dha-rìribh fàilte a chur air Marcas Mac an Tuairneir is e gu bhith ag aithris na bàrdachd aige an Gàidhlig is am Beurla.

Anns an darna chruinneachadh den bhàrdachd aig Marcas, Lus na Tùise (‘Lavender’), tha dàin Ghàidhlig le tionndaidhean Beurla dhiubh is iad seo air an eadar-theangachadh leis a’ bhàrd fhèin. Tha Marcas, na bhàrdachd, a’ cnuasachadh air gnothaichean a bhuineas do dhaoine gèidh; cuspairean nach eil tric a’ nochdadh ann am bàrdachd nan Gàidheal. Tha bàrdachd Mharcais fosgailte is onarach; a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an dòigh a tha ga taisbeanadh mar chànan a tha beò ach a dh’fheumas leasachadh agus fàs thar nam bliadhnachan ri teachd. Tha tòrr den bhàrdachd air Marcas a’ coimhead ri fèisealachd tro shùilean fhèin ach ann an dòigh a tha tarraingeachd do dhaoine LGBT agus eile agus dha Gàidheil is Goill. Tha cumhachd agus bòichead sa bhàrdachd aige, is e air cliù mòr agus duaisean a chosnadh. Tha e na ghuth a tha air iomall ghnothaichean ann an cultar agus sgrìobhadh Gàidhlig là an-diugh.

Rugadh Marcas ann an Sasainn agus chaidh e gu Colaiste an Rìgh aig Oilthigh Obar Dheathain, far an d’ fhuair e MA le Urram an Gàidhlig agus Eòlas Spàinteach an 2008 agus MLitt an Eòlas na h-Èireann is na h-Alba an 2010. Chaidh e a dh’fhuireach an Glaschu an 2011 far an d’ fhuair e MA an Ficsean Telebhisein (le taic bho BhBC Alba) aig Oilthigh Glasgow Caledonian. Ann an 2017, tha e a’ tòiseachadh air doctoral studies aig an oilthigh. Chaidh a’ chiad chruinneachadh aige Deò fhoillseachadh le Grace Note Publications, le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean, le moladh mòr ga dhèanamh air a’ bhàrdachd aige bhon uair sin. Bidh Marcas a’ leughadh bho dharna chruinneachadh bàrdachd, Lus na Tùise, a thàinig a-mach aig deireadh 2016 le Bradan Press. Tha Marcas an-dràsta ag obair air an tritheamh agus a’ cheathramh chruinneachadh den bhàrdachd aige, bileag dha Tapsalteerie, maille ri sgrìobhadh bho Stuart A. Paterson (a tha a’ sgrìobhadh sa Bheurla Ghallda) is air a chiad nobhail dha Acair.  Chaidh ainmeachadh mar Sgrìobhaiche-dràma Gàidhlig na Bliadhna an 2016 agus e ag obair air dà dhealbh-chluiche.

Marcas Mac at Paisley Abbey
copyright Graham-Hood-Photography