Fosgladh Disathairne 29mh Dùbhlachd

Iolaire 100: Mairead Nicfhearghais

Cruinneachadh iongantach de 100 dealbh de sheòladairean a bh’ air bòrd an Iolaire air an dèanamh thairis an dà bhliadhna mu dheireadh. Aon dealbh airson gach bliadhna bho thachair an tubaist. Còmhla ri nithean eachdraidheil eile, tha an cruinneachadh a toirt beò eileamaidean làidir pearsanta agus a samhlachadh meud na tubaist.