Dùthchas is Dualchas : Seàn Friseal

5 an Lunasdal – 16 an t-Sultain

Le chiad taisbeanadh air a cheann fhèin, tha an ceumnaiche bho Cholaiste Ealain Rìoghail a’ nochdadh rùn is na tha san amharc dha. ’S ann le glainne as motha a tha e ag obrachadh, a’ cruthachadh ealain a tha a’ coimhead ri dàimhean, fèin-aithne agus buntasan; le mothachadh do dh’àrainneachd fhiadhaich, bhuadhach na Gàidhealtachd is nan Eilean. Chaidh mòine agus ùir an àite an cleachdadh san obair ghlainne aige, le cuideachd priontaichean, ìomhaighean umha de dh’fhàdan-mònach, cròcan loin Chanàdianaich cho math ri cròcan daimh agus claiaenan chaorach ann an glainne. Chaidh tòrr dhen obair a dheànamh is e ag obair mar neach-ealain ‘Sùileachan’ stèidhte ann an Ùig ann an 2016.