Hunter and the Bear: The Paper Heart Tour

Dis 20 Cèitean

Tha Hunter & The Bear fear dhe na còmhlain-chiùl ùra às fheàrr ann am Breatainn, is iad mar phàirt den ath-dhùsgadh mhòr de cheòl rock ‘n’ roll. Tha an ceòl aca na mheasgachadh de dh’fhuinn cheòlmhor làn riffs, is iad a’ cluich a’ chiùil ghiotàr as fheàrr a chluinneas sibh san là a th’ ann. Bho bhith air an cluich air a’ BhBC is air stèiseanan rèidio coimearsalta, gu àite air an àrd-ùrlar aig consairtean Eric Clapton, tha na hard rock riffs agus òrain bhinn aca air moladh mòr fhaighinn bho chuid dhe na gaisgich mhòra ann an saoghal rock ‘n’ roll. Tha an ceathrar luchd-ciùil daonnan a-muigh a’ cluich beò air an àrd-ùrlar; a’ cluich chonsairtean aig ionadan is fèisean a tha a’ fàs nas motha is nas motha leis a’ chliù aca air feadh Bhreatainn, na h-Eòrpa agus nas fhaide air falbh a’ dol am meud. Bidh an turas mòr aca timcheall na h-Alba a’ leantainn bhon chiad chlàr aca air 12 Cèitean; clàr air a bheil fèille mhòr ga dèanamh. Trobhadaibh ach an tuig sibh carson a tha an còmhlan seo cho mòr air am moladh.

U12’s to be accompanied