Gary Innes

Diciadain 15 An Lùnasdal

Leis a’ mhaileòidian na làimh, tha cothrom aig Gary Innes air an t-saoghal – ged a tha a chridhe gu mòr stèidhichte ann an Gàidhealtachd na h-Alba.   Sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad tha e air a bhith a’ cluich ann an Siona, Malaisia, sna SA, an Ear Mheadhanach agus Kazakhstan, agus ann an àiteachan annasach eile, ach bidh e cuideachd a’ cur tòrr dha thìde seachad ann an tallaichean ann an sgìrean dùthchail agus ann an eileanan iomallach air feadh Alba, bho Ach Arachail gu Ach Ille Bhuidhe, Sealtainn chun an Eilean Sgitheanach.

Tha Gary cuideachd air trì clàran a dhèanamh còmhla ri chòmhlan Mànran, agus feadhainn còmhla ri Ewan Robertson agus an còmhlan accòirdian Box Club.

Fhuair e “Neach-inneal-ciùil na Bliadhna” aig Duaisean MG ALBA Ceòl Traidiseanta Alba.