Ceòl Teaghlaich Làn Chearcall

Gach Seachdain air Dimàirt

Ceannaich Tiocaidean

Fòn: 01851 708 480

Seiseanan ciùil gach seachdain airson teaghlaichean le clann fo aois 5.  Thig còmhla leis an fheadhainn bheaga agad gus a bhith a’ seinn agus a’ cluich gheamannan.   A’ seinn, a’ gluasad ris a’ cheòl, agus a’ cleachdadh ionnsramaidean simplidh gus a bhith a’ leasachadh conaltradh agus co-obrachadh.  ’S i ar neach-obrach Làn Chearcall Christine Richings, a tha na neach-oideachaidh ciùil agus na neach-obrach ro-sgoile a bhios an sàs ann an seo. 

’S e pròiseact ealan ùr aig An Lanntair a tha san Làn Chearcall airson cothroman an-asgaidh a chruthachadh agus a leasachadh do chlann agus teaghlaichean ann an Leòdhas agus na Hearadh.  Bidh prògram de chlasaichean ann far am bi sreath de dhiofar ealain ann do chlann ro-sgoile agus bun-sgoile agus bidh am pàrantan/luchd-cùraim ann còmhla riutha. Bidh am pròiseact a’ cuimseachadh air a bhith a’ dèanamh An Lanntair nas fhosgailte do chlann agus òigridh agus bidh tachartasan ùr ealain sa Chafé Bar againn agus pasgain gaileiridh airson taisbeanaidhean.