Fèis Litreachais Acair @ 40: Celebrating 40 Years of Publishing

Dic 24 An Cèitean

Tha fàilte bhlàth air duine sam bith aig a bheil ùidh ann an litreachais, sgrìobhadh, foillseachadh, dèanamh deilbh agus a’ leughadh, ann an Gàidhlig agus Beurla, gu Fèis Litreachais Acair @ 40.

Tha fàilte oirbh uile chun An Lanntair aig 1:30f airson clàradh is fàilte, agus an uair sin bidh òraid ann leis an eòlaiche Gàidhlig Dòmhnall Meek. Bidh Acair an uair sin a’ cumail bùth-obrach airson sgrìobhadh cruthachail le Iain F. MacLeòid, agus às a dhèidh cluinnear òraid bho cheannard Foillseachadh Alba, Marion Sinclair. Bidh seo a beachdachadh air foillseachadh anns an fharsaingeachd, agus bu chòir gum biodh seo inntinneach do dhuine sam bith a tha an sàs anns a’ ghnìomhachas. Tha tachartasan an là a’ tighinn gu crìch le còmhradh eadar Fionnlagh MacLeòid agus Anndra McMorrine, a’ bruidhinn air an dàimh eadar sgrìobhaiche agus dealbhadair agus a bha le chèile an sàs leis a’ chiad leabhraichean chloinne a dh’fhoillsich Acair o chionn 40 bliadhna. Bidh eadar-theangachadh gu Beurla ann airson iad seo, agus le deilbh agus bhideo far a bheil e freagarrach. Bi Acair cuideachd a foillseachadh leabhar ùr Iain Urchardan, ‘Breab, Breab, Breab’, air an fheasgar.

 

Thig an là gu ceann le tachartas air a bheil ‘Bàrd Baile – Am Bàrd anns a’ Choimhearsnachd’, le Dòmhnall Meek à Tiriodh, Dòmhnall Uilleam Moireasdan à Nis, Hannah Knight à Càrlabhagh, Anna Mhoireach agus Faram, le seinneadairean agus bàird eile bho na coimhearsnachdan.  `S e feasgar air leth inntinneach a bhios ann agus feuchaibh nach tèid e seachad oirbh!