‘Elevate’ Theatre Summer School

Dil 8 – Dih 12 Iuch

Bidh Tèatar Òigridh Alba a’ tighinn chun eilean as t-samhradh a-rithist gus cothroman inntinneach a thabhann do dh’òigridh.

Bidh proifeiseantaich thèatar ag obair leis na com-pàirtichean gus pìosan dràma ullachadh a thèid a chluich ann an diofar àitean.

Tha seo mar phàirt den phrògram ‘Elevate’ Tèatar Òigridh Alba a tha air a dheilbh gus sealltainn do dhaoine òga na cothroman agus an taic a dh’fhaodadh a bhith ann a thaobh obair ann an dràma.