Purvai: Fear-cruinneachaidh air leth

11 Lùn - 18 Samh

’S e Cruinneachadh MhicCoinnich (‘Mackenzie Collection’) an cruinneachadh as motha agus as sine de phìosan ealain aosmhor à Àisia a Deas, air an tional le fear Cailean MacCoinnich à Steòrnabhagh, a rugadh ann an 1754. Dh’èirich MacCoinnich gu bhith na oifigear san arm ann an Companaidh nan Innseachan an Ear agus, fa dheireadh, gu dreuchd mar Surveyor General of India; a’ siubhal nan Innseachan agus a’ cur cruinneachadh àraid de thasgaidhean ri chèile. Anns a’ chruinneachadh, tha farsaingeachd àraidh de stuthan; le figearan àlainn air an snaigheadh ann an clach, mìltean de dhealbhan is sgeidsichean bho air feadh nan Innseachan is Java air a bheil ìomhaighean de seann charraighean, daoine, nòsan, mapaichean is airgead, cho math ri làimh-sgrìobhainn aosmhor air an deànamh air duilleagan pailm. Bidh pìosan sa chruinneachadh air an leigeil a-mach air màl bho Thaigh-tasgaidh Bhreatainn, Leabharlann Bhreatainn agus a’ V&A, is iad air an taisbeanadh aig Museum nan Eilean aig Caisteal Steòrnabhaigh. Tha an taisbeanadh seo a’ faighinn taic bhon Chrannchur Nàiseanta.