Gairm airson Buill Ealain is Ealanta

Diar 7 Dùbh

Tha An Lanntair a’ cur air chois bòrd ealain dhaoine òga (aois 16-25) a bheir cothrom don òigridh a bhith a’ stiùireadh an t-solair ealain do na daoine òga ann an Leòdhas is Na Hearadh.  Bidh na buill seo an sàs ann a bhith a’ steidheachadh phrògraman ealain airson òigridh agus a’ cuideachadh ann a bhith a’ cur thachartasan, thaisbeanaidhean is chluichean air dòigh anns An Lanntair is ann an àiteachan eile.

 

Thigibh gus am faigh sibh a-mach tuilleadh mun seo agus gus an cluinn sibh mar a tha An Lanntair a’ dol an sàs ann am Bliadhna na h-Òigridh 2018.