Blue Rose Code

Diardaoin 30 An t-Samhain

Ceannaich Tiocaidean

Fòn: 01851 708 480

Taobh a-staigh beagan bhliadhnaichean agus an dèidh dà shàr chlàr fhoillseachadh, Tha Blue Rose Code – Ross Wilson a rugadh ann an Dùn Èideann – air a dhol air adhart bho bhith gu h-uaigneach a’ sgrìobhadh òrain ann am flat air taobh Sear Lunnainn gu bhith air a mholadh gu mòr leis a’ ghnìomhachas is le luchd-leantainn.  Tha e air chuairt as t-fhoghar seo gus an clàradh as ùire aige – The Water of Leith, adhartachadh.  Tha feasgar le Ross agus a chòmhlan a’ gealltainn a bhith na shàr mheasgachadh de folk is jazz, ach le blasad Albannach air cuideachd a bhios a’ cruthachadh an fhuaim shònraichte a bhios na chois.