An t-Urras Atharrachadh Beatha

Tha An Lanntair air a’ phròiseact trì-bliadhna ealain ‘Dementia Friendly Community’ a thòiseachadh sna h-Eilean Siar, ann an co-bhuinn ris an Urras Atharrachadh Beatha. Thèid am pròiseact a-mach a choinneachadh dhaoine a tha a’ fulang le dementia agus an fheadhainn a tha a’ coimhead às an dèidh – agus a-mach gu coimhearsnachdan nan Eilean Siar – gus coimhearsnachd mhòr thaiceil a chruthachadh a bhios stèidhte air an àite agus a mhuinntir.
Bidh am pròiseact a’ cur diofar seòrsa ealainean gu feum gus dàimhean a thogail leis na daoine a’ fulang leis a’ ghalar, le luchd-cùraim agus leis a’ choimhearsnachd; le diofar thoraidhean ag èirigh às a’ phróìseact fhèin, leithid taisbeanaidhean agus obair-ealain.
Tha am pròiseact cuideachd ag amas air rannsachadh mar a tha dà-chànanas (Beurla/Gàidhlig) a’ toirt buaidh air seargadh inntinn agus na buannachdan an lùib beul-aithris dha daoine a tha a’ fulang.
Bheir sinn brosnachadh do dhaoine sa choimhearsnachd a thighinn an sàs ann an dealbhachadh a’ phròiseact, a’ togail air stòrasan am measg dhaoine agus nan coimhearsnachdan.
Tha An Lanntair ag aithneachadh gu bheil cruaidh fheum ann gum bi daoine a tha a’ fulang le dementia agus an luchd-cùraim dha-rìribh an sàs sa choimhearsnachd, gum bi iad an sàs sna h-ealainean agus gun tèid aca air cothroman a ghabhail chum beatha làn, thlachdmhor a bhith aca.