Fèis Speuran Dorch Innse Gall

Is e prògram de thachartasan inntinneach is àrd-amasach a tha ann am Fèis Speuran Dorch Innse Gall a bhios a’ tachairt anns An Lanntair agus air feadh Eilean Leòdhais bho 8-21 Gearran 2019.  Bidh tachartasan againn leithid a bhith a’ coimhead ris na speuran, òraidean, bùithtean obrach le luchd-saidheans ainmeil, seallaidhean de filmichean, ceòl beò, theàtar, tachartasan teaghlaich, agus tòrr mòr eile.

Is ann an Eilean Leòdhais tha cuid de na speuran as dorcha a chithear san RA.  Chithear mòran sheallaidhean reul-eòlach leis an t-sùil, nam measg An Orion Nebula, Geal-Shruth nan Speur agus reul-chrios Andromeda Mhòr.  Is e Leòdhas aon de na h-àitean as fheàrr san RA airson Nam Fir Chlis (Aurora Borealis) fhaicinn.    

Tha Fèis Speuran Dorch Innse Gall air a stiùireadh leis An Lanntair ann an com-pàirteachas le Aonad Luchd-tadhail Chalanais, Comann Reul-eòlais Steòrnabhaigh, Urras Coimhearsnachd Cheann a’ Ghallain agus Colaisde a’ Chaisteil, taic a bharrachd bho Thurasachd Innse Gall agus Natural Retreats.