Joanne B Kaar The Seafarers Log Book II

Is i seo ar ciad bhliadhna de luchd-ealain còmhnaidheach a bhith san Lanntair. Le iarrtasan bho air feadh an t-saoghail, chaidh dithis a thaghadh leis a’ phannal againn agus b’ iad fear Ailig Boyd (ag obair maille ris a’ chlàrsair Astràilianach Jessica Ipkendantz) agus Joanne Kerr. Bidh ùine agus rùm gu leòr aig na luchd-ealain rannsachadh agus obair ùr a dhèanamh agus iad cuideachd a’ leigeil nan coimhearsnachdan sam bidh iad stèidhte a-steach a dh’fhaicinn an dòigh sa bheil iad ag obrachadh tro òraidean agus bùithtean-obrach. Chaidh na luchd-ealain fhastadh ann an co-bhuinn ri Ùghdarras Caladh Steòrnabhaigh, na luchd-ealain Uilleam MacIllEathain is Marian Leven agus Urras Coimhearsnachd Bhaltois.
Thathas an dòchas gun lean am prògram de luchd-ealain còmhnaidheach seo agus e a’ dol air adhart bho bhliadhna gu bliadhna.

Tha am prògram am bliadhna a’ ruith bho 7mh Lùnastal gu 5mh Sultain.
Theirig chun na làraich-lìn airson fiosrachadh a bharrachd air òraidean agus bùithtean-obrach.