Tha Purvai na phròiseact leantainneach eadar An Lanntair agus Na h-Innseachan. Tha am pròiseact a’ togail air beatha Coirneal Chailein MhicCoinnich a rugadh an Steòrnabhagh an 1754.

Bha beatha iongantach air MacCoinnich, beatha a thàinig gu ceann nuair a chaidh ainmeachadh mar a’ chiad Surveyor General ’son nan Innseachan gu lèir. Nas cudromaiche na seo, ’s dòcha, bhiodh e fear-cruinneachaidh cliùiteach a bh’ ann. Tha na cruinneachaidhean aige san Leabharlann Nàiseanta, Taigh-tasgaidh Bhreatainn, An Taigh-tasgaidh Bhictoria is Albert an Lunnainn agus anns Na h-Innseachadh fhèin san Oriental Manuscripts Library Chennai, Taigh-tasgaidh nan Innseachan agus an Asiatic Society Kolkata.

A’ togail air beatha, obair agus cruinneachaidhean MhicCoinnich mar dhòigh air faighinn a-steach a chultar agus ealainean nan Innseachan, tha An Lanntair ag amas air pròiseact ealain is eachdraidh iomadh-chuspaireil a thaisbeanadh, fada seachad air taisbeanadh nan tasgaidhean a chruinnich e.

Tha An Lanntair ag obair a chum co-obrachadh a bharrachd a thoirt air adhart tro chòmhraidhean cruthachail eadar luchd-ealain sna h-Innseachadn sna h-Eileanan agus air feadh Bhreatainn. Tha sinn airson àite a thoirt do phròiseactan àrd-amasach a tha a rèir na dòigh feòrachail a bh’ aig MaCoinnich fhèin; pròiseactan a tha a’ dol tarsainn air diofar chultaran, a tha innleachdail, beò, beòthail agus freagarrach.

Fhuair An Lanntair taic-airgid an 2014 tro Mhaoin Rannsachaidh Eadar-nàiseanta Alba Chruthachail agus chaidh com-pàirteachas a steidheachadh le Siddhartha Das Studio Delhi agus an Jatin Das Centre ann an Orissa, a’ dealbhachadh mapa de thuras cultaral àrd-amasach tro na h-Innseachadh dha luchd-ealain às na h-Eileanan.

B’ iad an snaigheadair Steve Dilworth agus an neach-ciùil Iain Moireasdan a chaidh a thaghadh airson a’ phròiseict.

B’ e ciad thoradh a’ chom-pàirteachais Purvai seo ach pròiseact ciùil is bhideo co-obrachail innleachdach, ùr-ghnàthaichte.

B’ iad an dìsead BLOT! à Delhi a’ chiad luchd-ciùil a thàinig a thadhail air An Lanntair tron phròiseact. Chuir BLOT! agus Iain Moireasdan seachad seachdain ag obair còmhla a’ cruthachadh ceòl ùr stèidhte air ceòl mòr na pìoba moiré. ’S e thàinig às a’ cho-obrachadh seo ach measgachadh iongantach de cheòl-eleactronaigeach, buillean-dannsa is cailèideascop de dhealbhan.

Is e fìor àrd-amas a’ phròiseict gun tèid beatha MhicChoinnich a comharrachadh sna h-Innseachan agus am Breatainn, a’ tighinn gu ceann ann an 2021 – dà cheud bhliadhna às dèidh bàs MhicCoinnich.