Photo of projector

An Taigh-dhealbh
Tha sinn a’ feuchainn, gach mìos, ri filmichean mòra, ùra Hollywood a shealltainn; eadar filmichean romansach, dràmadach, is feagalach; le grunn fhilmichean beaga, neo-eisimeileach bho air feadh an t-saoghail.

Is e An Lanntair dachaigh Fèis Fhilmichean Eadar-Nàiseanta Innse Gall, feis a tha a’ taisbeanadh fhilmichean ùra is ùr-ghnàthaichte dha muinntir nan Eilean; le tachartasan àraid film agus seiseanan a’ ciallachadh gu bheil turas chun taigh’-dhealbh gu bhith na thuras sònraichte, soilleireachaidh.
Tha Club Film An Lanntair a’ coinneachadh gach seachdain, le daoine òga a’ taghadh fhilmichean neo-eisimeileachd ’son coimhead, sgrùdadh agus deasbad. Gheibh iad cuideachd ionnsachadh bho dhaoine an sàs sa ghnìomhachas mu na pròiseasan an lùib cruthachadh fhilmichean